Anns an leabhar-latha aige dh'innis Calum MacIllEathain mar a chlàr e Am Bròn Binn an toiseach bho Chatrìona NicCharmaig air 20 Faoilleach, 1948:
"Aig seachd uairean thàinig Calum a' Bharraich gam iarraidh leis a' chàr agus sinn a' dol a Hàclait. Thug mi leam an ediphone agus cèirein agus dh'fhalbh sinn. Bha an oidhche àlainn 's a' ghealach àrd as na speuran.
Bha taigh Aonghais Iain MhicIllFhaolain làn chun an dorais nuair a ràinig sinn. Bha seinn a' dol airson cuid mhath dhen oidhche agus bha aon bhoireannach ann, bean Phàdraig 'icCarmaig, agus chuir i Am Bròn Binn air cèirean dhomh. Sheinn i gu math e, agus sheinn i òran brèagha eile às dèidh sin, òran nach cuala mi roimhe seo idir."
Air BBC Radio nan Gàidheal air 01/04/1993 dh'innis Mairead NicFhionghain mun eòlas a bh' aice fhèin air Catrìona NicCharmaig:
"Bha Catrìona pòsta aig Pàdraig mac Alasdair agus bha iad a' fuireach ann a' Hàclait agus bha taigh beag snasail tughaidh aca ann a' shin, agus gàrradh brèagha aca cuideachd. Bhithinn-sa dol ann gu math tric nuair a bha mi beag agus bhithinn uaireannan a' fuireach aca. Cha robh teaghlach aca fhèin idir.
Ach, aig an àm a bha mise eòlach air Catrìona, cha do thuig mi riamh gu robh i math air na h-òrain no gu robh òrain aice. Cha bhithinn ga cluinntinn a' seinn ach dìreach aon uair tha cuimhne agam bha luadh aice. Bhiodh i fhèin a' snìomh agus chan eil fhios agam a-nis càit' an robh a' bheairt fhighe, an ann a' Loch a' Chàrnain a bha e, no am Beinn na Fadhla. Chan eil mi cinnteach, ach tha cuimhn' agam a bhith air luadh ann, agus mnathan a' bhaile aice, Peinidh, bean Aonghais Iain, tèile a bha math air seinn, agus iad a' gabhail na h-òrain luaidh ann a' shin."
Bha òrain aig Catrìona nach robh aig duine ach aice fhèin agus bha beachd aig Mairead NicFhionghain co bhuaidhe a fhuair i co-dhiù cuid aca:
"'S ann aig piuthar mo sheanmhair a fhuair i na h-òrain luaidh, tè air an robh Flòraidh, agus bha Flòraidh agus mo sheanmhair, 's e peathraichean de Lachlan Bàn a bh' annta sin, am Pìobaire Bàn man d' thuirt iad. Agus bha an cèol a' ruith as na daoine bha sin. Ach tha teansa gu robh Flòraidh a bha sin, gu robh grunn de dh'òrain aice agus fhuair Catrìona na h-òrain aice."
Dh'innis Mairead cuideachd co ris a bha Catrìona coltach:
"'S e boireannach meadhanach àrd a bh' innte. Cha robh i uabhasach reamhar, dìreach car nàdarrach sa chumadh. Bha droch fhradharc aice. Biodh daonnan na glainneachan gu math tiugh aice.
Agus 's ann air falbh ga cosnadh a bha i as an Òban ma na hotels, mar a bha cuid mhòr dhe na boireannaich a bh' ann as an àm a bh' ann. Agus 's e fìor dheagh bhean-taighe a bh' innte. Bha i math le làmhan, 's bhiodh daonnan a h-uile sìon cho snasail aice, i math air bèicearachd 's a h-uile sìon mar sin."
Sgrìobh Calum MacIllEathain mu Chatrìona air 5 Dùbhlachd, 1949:
"'S ann aice a tha na h-òrain as fheàrr a chuala mi ann am Beinn na Fadhla. Tha tuilleadh aice fhathast nach d' fhuair mi sìos idir."
Mus do dh'eug Catrìona NicCharmaig ann an 1965, chuir i fios gu Catrìona Garbutt i tighinn a choimhead oirre ach an ionnsaicheadh i òrain dhi, 's eagal oirre nach biodh iad aig duine às a dèidh. Tha cuimhne bhlàth aig Catrìona Garbutt oirre:
"Rugadh Catrìona ann an Griomasaigh am Beinn na Fadhla, Catrìona Nic a' Phì, nighean 'illeasba' Ghriomasaigh. Bha triùir pheathraichean aice, Màiri, Ceit agus Màiri Margaret, agus bràthair air an robh Calum. Bha an dachaigh aca, taigh beag tughaidh, ann an cois a' chladaich an Griomasaigh.
Tha mi a' tuigsinn gu robh Catrìona na h-inbheach ag obair ann an seirbhis-taighe air tìr-mòr, ach 's ann aig an taigh a phòs i Pàdraig MacCarmaig a bha a' fuireach air Hàclait air taobh an ear Bheinn na Fadhla.
Bha an dachaigh aig Pàdraig agus Catrìona glan sgiobalta, a h-uile rud a bh' ann agus gleans às, rugaichean brèagha a bha Catrìona fhèin a' dèanamh air na h-ùrlair.
Cha robh teaghlach aca fhèin ach 's e fìor thaigh-cèilidh a bh' as an taigh aca. Bha Catrìona ainmeil air na h-òrain agus bha Pàdraig na sgeulaiche. 'S ann bho a màthair a fhuair i na h-òrain, bhiodh i ag ràdh.
Ghabh Calum MacIllEathain annas mòr do Chatrìona leis cho àraid 's a bha a' repertoire aice, le òrain leithid Am Bròn Binn (air a dhèanamh ionadail ann an Caisteal Bhuirgh!), 'S Daor a Cheannaich mi 'n t-Iasgach, agus 'Na h-Eileanan Diùrach', òran air an robh a bhràthair, am bàrd Somhairle MacGill-eain, air leth dèidheil.
Tha Catrìona air a h-ainmeachadh anns a' chumha a rinn Somhairle nuair a bhàsaich Calum mar "an tè on d' fhuair thu an dà mhìorbhail, Bean MhicCarmaig à Hàclait"."
Tha sinn gu mòr an comain Chatrìona Garbutt airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.