Catrìona Mhoireach

B' ann an Eòropaidh, Nis, ann an ceann a tuath Leòdhais, a bha an dachaigh aig Catrìona Mhoireach mus do phòs i. Rugadh i ann an 1825, nighean le Dòmhnall Moireach, mac Aonghais Dhòmhnaill Ruaidh agus a bhean Anna Chaimbeul, Anna Chaluim.

Phòs i iasgair, Dòmhnall Moireach, mac Dhòmhnaill Duinn bho 2-3 Sgiogarstaigh, a rugadh ann an 1827. Rinn iad an dachaigh aig 39 Tàbost.

Bha sianar chloinne aca, Mairead a rugadh an 1849, Màiri a rugadh an 1851, Catrìona a rugadh an 1853, Gormshùil a rugadh an 1856, Anna a rugadh an 1860, agus Iain a rugadh an 1862, a' bhliadhna a chaidh athair a bhàthadh, bliadhna a' Bhàthaidh Mhòir, mar a chante ris san sgìre.

Ann an iris bhliadhnail Eilean an Fhraoich, ann an 1973, sgrìobh an t-Urramach Dòmhnall MacIllìosa:

"Chan eil àite anns a bheil daoine a' strì ri beòshlaint a thoirt às an fhairge nach bi bho àm gu àm a' pàigheadh na prìse as daoire tha ann gu lèir – beatha nan daoine a dh'fheumas dol ri aghaidh a' chruadail, ma tha na teaghlaichean aca a' dol a dh'fhaotainn bith-beò."

Tha sin fìor mu sgìre Nis, dom buineadh an t-Urramach MacIllìosa, mar a tha e mu iomadh sgìre eile. Mar eisimpleir, chailleadh 19 duine ann am Bàthadh Mòr a' Bhac air 22 Dùbhlachd, 1894. Thathar a' meas gun deach 293 iasgair à Leòdhas a chall aig muir eadar 1849 agus 1883.

Tha aon eòlaiche air eachdraidh sgìre Nis, Tormod Mac a' Ghobhainn, a' meas gun chailleadh eadar 90 is 100 iasgair, mòr-chuid dhiubh sin nam fireannaich òga, mu chladaichean Nis eadar 1835 agus 1900.

Thachair an call bu mhiosa air 18 Dùbhlachd, 1862.

Bha seachd eathraichean fosgailte, le seisear anns gach sgioba, ag iasgach mu dheich mìle a-mach à Port Nis air an fheasgar ud. Mu mheadhan latha dh'èirich a' ghaoth bhon iar-dheas gu robh i na stoirm eagalach.

Fhuair dà eathar, an tè air an robh Niall Moireasdan à Cros na sgiobair agus an eathar air an robh Cailean MacCoinnich à Tàbost na sgiobair, sàbhailte gu tìr-mòr, ged a chaill Iain Ruadh à Suaineabost, a bha ann an eathar Nèill, a bheatha. Chaidh a lathadh gu bàs leis an fhuachd.

Chaidh na còig eathraichean eile an sgrios leis an fhairge. Chaill 31 duine uile gu lèir am beatha. Bha 24 bantrach san sgìre an aon oidhche agus bha 71 pàiste gun athair.

Chaill Catrìona a cèile, Dòmhnall, agus a dhà bhràthair, Murchadh agus Alasdair, an aon oidhche. Bha i air a fàgail na bantraich le sianar chloinne, Mairead, an nighean bu shine, 13 bliadhna a dh'aois agus Iain, a b' òige, beagan mhìosan a dh'aois.

Mairead chuidich i ri m' ghualainn
Màiri dh'fhàs i suas cho làidir,
'S bha Catrìona agam cho brònach
Gormshuil cha bu mhò' am pàiste.

'S òg a dh'fhàgadh sibh gun chùl
Iain beagan suas air ràithe;
'S O gu dearbh cha b' ann gun chruadal
Theann mi cumail suas na fàrdaich.

Bha Catrìona beò gu 1897 agus feumaidh e bhith gur e boireannach tapaidh, eirmseach a bh' innte. Ann an sreath phrògraman a rinn e mu chuairt sgìre Nis, bha Fionnlagh MacLeòid a' cuimhneachadh air rud a thuirt i turas is sgioba glaiste ann an Sùla Sgeir le droch aimsir:

"'S iomadh fear tha Sùla Sgeir a luthaigeadh a bhith 'n Tàbost
Bheireadh seachad guga air a thruimeid de bhuntàta."

A bharrachd air Chuir Iad Mise Chun Na Mòintich chan eil ach aon chriomag eile de dh'òrain Chatrìona air sgeul an-diugh. Tha e coltach gun d' rinn i 'Òran na Cuibhle-Shnìomh' turas is i air a lèireadh leis an obair:

O nach robh do mhaide-siubhail
Gun fhàs às a' ghiuthas ud
Do thrì chasan dubha
'S iad gun bhioran a chuir cruinn dhuibh;
Na bu donn tig a' latha
Chuirear car le clòimh leat.

Nach e do rèim 's do tharsannan
Do mhaighdeannan is d' eachannan
Bha dol-a mach Tràigh Shearrabhaig
Is astar aig a' ghaoith orr';
Na bu donn tig a' latha
Chuirear car le clòimh leat.

Tha sinn gu mòr an comain Thormoid Mhic a' Ghobhainn, Tormod Sgiugs, à Nis, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.