Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain)

Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain)

Thogadh Catrìona Chaimbeul, Catrìona an Tucsain, ann a' Siadar a' Chladaich air taobh siar Leòdhais. B' i an aon nighean san teaghlach ach bha ceathrar bhràithrean aice.

Bha i ag obair ann an tè de mhuilnean chlòitean bhaile Steòrnabhaigh, muileann Sticky mar a chante rithe, aig aon àm na beatha. Bha i cuideachd na manaidsear ann a' factaraidh aodaich a bha shìos faisg air a' Bhataraidh anns a' bhaile, agus bha i greis eile ag obair ann am bùth Hugh Matheson aig a' bhèicearachd.

Thòisich i a' sgrìobhadh laoidhean ri linn an dùsgaidh shoisgealaich a bha ann an Leòdhas agus Na Hearadh eadar 1949 agus 1953. Tha iomradh air an àm seo ri fhaighinn as an leabhar The Lewis Awakening a sgrìobh an t-Urr. Donnchadh Caimbeul:

"There was a moving scene, some weeping in sorrow and distress, others, with joy and love filling their hearts, falling upon their knees, conscious only of the presence and power of God who had come in revival blessing. Within a matter of days the whole (district) was in the grip of a spiritual awakening. Churches became crowded, with services continuing until three o' clock in the morning. Work was largely put aside, as young and old were made to face eternal realities. Soon the fire of blessing spread to the neighbouring (regions)."

Nuair a chaochail an aon nighean a bh' aig Aonghas Macleòid (Ease) agus a bhean ann a 1963, sgrìobh Catrìona laoidh 'Marbh-rann do Ishbel NicLeòid, Marybank, Steòrnabhaigh' mar chuimhneachan oirre. Ghlas Catrìona i fhèin ann an rùm a' feuchainn rithe fheìn a chuir dhan t-suidheachadh uabhasach sin. ('S beag a bha dhùil aice gum biodh i fhèin san dearbh shuidheachadh bliadhnaichean às dèidh sin. Chaochail nighean leatha aig aois 28 le aillse.)

Bha ceathrar a theaghlach aig Catrìona agus an oidhche a sgrìobh i 'Marbh-rann do Ishbel NicLeòid, Marybank, Steòrnabhaigh', thug i sùil air a' chlann aice fhèin 's iad nan cadal, agus le cho taingeil agus a bha i gu robh iad slàn, sàbhailt', bhrosnaich e i gu O Mo Chlann a sgrìobhadh.

Am measg nan laoidhean eile a sgrìobh i tha 'Nach Tig Thu Fhèin 'S Nach Dùisg Thu' agus 'Och, a Shlànaighear Chaomh' agus chaidh cruinneachadh de na laoidhean aice, Laoidhean Ghàidhlig, fhoillseachadh le Aonghas Macleòid bho chionn 50 bliadhna.

Tha i fhathast a' sgrìobhadh dhàn ach, mar as trice, 's e rannan beaga mu rudan èibhinn a bhios a' tachairt a bhios i a' dèanamh. Seinnidh i nuair a bhios cruinneachadh teaghlaich ann.

Tha sinn an comain Nan Nic a' Ghobhainn, nighean Chatrìona, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.