
Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu Cinn Tìre. 'S e sgiobair a bha na h-athair agus tha cuimhne aice nuair a bhiodh e a' tighinn dhachaigh gum biodh a màthair ag iarraidh air òrain a' sheinn dhi. 'S ann mar sin a dh'ionnsaich i a ciad cheathramhan òrain.
B' e an t-Urramach Tòmas Mac a' Phearsain, a sgrìobh an dealbh-chluich 'S Leam Fhìn an Gleann, ministear an teaghlaich agus tha cuimhne aig Carol aon fheasgar anns an Sgoil Shàbaid gun do dh'iarr e oirre seinn. B' e sin a' chiad uair a sheinn i mu choinneamh sluaigh.
Bha i ann an còisir òg a' bhaile bho bha i sia bliadhna a dh'aois agus bhiodh iad a' dol gu na Mòdan ionadail.
An dèidh sin bha i ann an Còisir Cheann Loch Chille Chiarain, còisir aig an robh cliù sònraichte aig an àm a bha sin is iad fo stiùireadh Chaluim MhicCalum.
Cheumnaich Carol le M.A. bho Oilthigh Ghlaschu agus an dèidh sin chaidh i gu Colaiste Chnoc Iòrdain far an do choisinn i teisteanas an dà chuid airson matamataig a theagasg ann an àrd-sgoil agus airson teagaisg bun-sgoile.
Aig Mòd Nàiseanta 1948, choisinn i co-fharpais an Òrain Mhòir, am measg dhuaisean eile. Ged a bha sin ann an co-fharpais nan inbheach, bha i fhathast òg gu leòr airson a bhith a' gabhail pàirt ann an co-fharpaisean òigridh, agus 's i a fhuair a' chiad duais airson seinn chaileagan, aois 16-18, a' bhliadhna sin cuideachd.
Choisinn i Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd ann an Dùn Èideann, ann an 1951. Bha i cuideachd na ball de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu airson beagan bhliadhnaichean aig toiseach na leth-cheudan.
Ann an 1952 phòs i an sgoilear agus am bàrd ainmeil, an t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais, agus bha sianar chloinne aca. Ghluais iad à Glaschu gu Obar Dheathain ann an 1956 agus thòisich i a' gabhail ùidh annta agus ag ionnsachadh Lieder, òrain Ghearmailteach às an naodhamh linn deug. Bha i cuideachd na ball de Chòisir Bach Obar Dheathain.
Bha Carol na dannsair Gàidhealach comasach agus aig aon àm bhiodh i a' seinn agus a' dannsa aig cuirmean-ciùil. Bha i ri bàrdachd cuideachd, beagan ann an Gàidhlig ach a' chuid mhòr ann an Albais, agus tha a h-obair air fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.