Air prògram Gàidhlig a' BhBC, air an treas latha den Iuchair 1947, bhruidhinn an t-Ollamh Dòmhnall Seumas MacLeòid mu ùghdair an òrain seo mar "Calum 'Mòr' MacAonghais, às an Druim Fheàrna, am fochair nan Garbh-chrìoch, an sgìre Shlèibhte."
Agus lean e air:
"Calma na cholainn, is tric a nochd e gnìomh gaisgich le òrd is clach-neairt air an fhaiche chòmhraig agus, an gleac no an deasbaireachd, cha b' e sùgradh a dhol na dhàil.
Tha Calum mòr na chruth – is e a chuireadh an taic ri geimhleig, no cabar; mòr na ghibhtean, oir chuir e mach àireamh leabhraichean òran is leabhar tomadach anns a bheil sia fichead fonn de cheòl na pìoba.
Tha e cho deas na bhàrd sa Bheurla 's a tha e sa Ghàidhlig, is comas air leth sònraichte aige ann a bhith a' riochdachadh sa Bheurla binneas bàirdeil na Gàidhlig."
Chaochail Calum MacAonghais ann an Inbhir Nis air 2 Dùbhlachd, 1951 aig aois 88. Fhuair e fhoghlam ann an Sgoil Phort Rìgh agus an uair sin Sgoil Raining an Inbhir Nis. Chaidh e às dèidh sin gu Oilthigh Dhùn Èideann.
Ann an 1901 chaidh e a dh'Afraga a Deas agus eadar 1907 agus 1926 bha e na rùnaire aig Bòrd nan Sgoiltean ann an Johannesburg.
Nuair a thill e a dh'Alba, tha e coltach gun d' thug e greis a' fuireach mu Ostaig san Eilean Sgitheanach, ach ghluais e gu sgìre Inbhir Nis far na chuir e seachad an còrr dhe bheatha.
A rèir coltais b' e deagh phìobaire a bh' ann agus bhiodh e tric na bhritheamh aig farpaisean.
Bha eòlas farsaing aige agus sgrìobh no dheasaich e grunn leabhraichean ann am Beurla agus ann an Gàidhlig, nam measg dealbhan-chluich, operettas agus puirt pìoba. Bha e cuideachd mar mheadhan air an cruinneachadh de sheanfhacail air an do rinn Alasdair MacNeacail ath chlò-bhualadh, ach an turas seo le clàr chuspairean a leigeadh le daoine seanfhacail a lorg a rèir cuspair. Gu mì-shealbhach chaochail e an t-seachdain a bha an leabhar deiseil gu dhol gu clò.
Mar a mhìnich an t-Ollamh Dòmhnall Seumas MacLeòid, bhiodh Calum a' cleachdadh seann fhuinn ach a' cur facail ùr riutha:
"Chaidh na fuinn ... a thogail le Calum mar a chuala a chluas iad aig an taigh, aig bun-teintean na cèilidh, is a bhàrdachd mar a dheachd a mhac-meanmain fhèin – bàrdachd a tha taisbeanadh spiorad a dhùthchais le dian-dhùrachd a chridhe."
Agus as an dealachadh, thuirt e mu dheidhinn, "Ann an còmhradh thig e lom is dìreach; mas coma leis an Rìgh Calum, is coma le Calum co-dhiù. Tha e gun fhathamas do dhuine seach duine."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.