Calum MacPhàrlain

Bha Calum MacPhàrlain na sgoilear agus na sgrìobhaiche air iomadh cuspair. Rugadh e air Latha Naomh Anndrais 1853, an Dail Abhaich ri taobh Loch Odha, ann an Earra-Ghàidheal.

B' e Eòghainn Bàn a' Mhuilleir a chante ri athair agus b' e Mòr Nic an t-Saoir ainm a mhàthar. Ged nach robh e ach gu math òg nuair a ghluais an teaghlach gu ruige Pàislig, dh'fhan e dìleas don Ghàidhlig fad a bheatha.

'S i chànain is binne
Air uachdar a' chruinne
Gu òran a ghabhail
Gu òraid a labhairt;
'S gun robh àdh air na seòid
Leis an àill i bhith beò.

'S i cànain na cèille
'S i cànain na fèile
'S i chànain is blàithe
Air bilean na màthar.

B' e a' Ghàidhlig aon de na prìomh chuspairean mu robh Calum a' sgrìobhadh agus cha bu bheag a rinn e airson a dìon agus a gleidheadh, ged nach b' e sin an obair latha a bha aige. Aig aois 15, chaidh e a dh'ionnsachadh a chiùird còmhla ri companaidh ailtirean agus luchd-tomhais fearainn agus b' ann mar sin a bha e a' cosnadh a bhith-beò fad a bheatha.

Air program Gàidhlig air 07/08/1944, chaidh a bheachd seo a thoirt air mar dhuine:

"Ma bha aon nì sònraichte mu Chaluim MacPhàrlain, b' e an t-sùil gheur leis an sealladh e air duine thar nan speuclairean aige. Bha e mar gum bu lèir dha na rùintean dìomhair a bha air cùl na h-inntinne. Bu choma leis luchd a' mhiodail is an t-sodail. Cha robh fulang idir aige air an fhear chealgach agus, nan d' rinneadh eucoir air, cha robh maitheanais ra fhaotainn. Ach, air a shon sin, bha e làn fealla-dha."

Anns an aon phrògram chaidh sgeulachd innse mu dheidhinn:

"Bha a' charaid seo a' gabhail sràide an Elderslie far an robh a chòmhnaidh aig Calum. Rinn coigreach suas ris.

"Dh'innseadh dhomh," ars esan, "gu bheil sibhse eòlach air Calum MacPhàrlain. An urrainn dhuibh innse dhomh co ris a tha e coltach?"

Cò bha aig taobh thall na sràide aig an àm ach am bàrd e fhèin. An uair a chaidh a chomharrachadh don choigreach sheall e air car tacain agus an sin, ars esan, "Chan eil ann ach duineachan beag! 'S ann a shaoil leam-sa a rèir mar a chuala mi gur e duine mòr foghainteach a bh' ann an Calum MacPhàrlain."

"Tha e foghainteach gu leòr," fhreagair am fear eile, "agus creid thusa mise, ged nach eil e ach beag am pearsa, 's ann aig sealbh fhèin a tha fios gu dè an doimhneachd a th' ann!"

A bharrachd air bàrdachd a sgrìobhadh, rinn Calum fuinn do dh'òrain a sgrìobh e fhèin agus cuideachd do dh'òrain a rinneadh le bàird eile. Chuir e fuinn, mar eisimpleir, ri Cathair a' Chùl-Chinn le Dòmhnall MacLeòid à Cataibh, An t-Eilean Uain' Ìleach le Nigel MacNèill agus òrain le Niall MacLeòid leithid 'A Faigh a' Ghàidhlig Bàs', 'Bha Mi 'N-Raoir an Coille Chaoil', agus 'Far An Robh Mi Raoir'.

Bhiodh e cuideachd a' sgrìobhadh facail ri seann fhuinn agus, mar eisimpleir, sgrìobh e Òigh mo Chridhe, Òigh mo Ghràidh ri fonn Cumha Mhic an Tòisich.

Bha e fiosrach mu eachdraidh agus dualchas, litreachas agus cànan. B' e a' chiad leabhar a dh'fhoillsich e The Phonetics of the Gaelic Language ann an 1889.

Chuir e mach sreathan de leabhraichean cloinne, nam measg sreath de leabhraichean beaga de dh'òrain Ghàidhlig a dh'ullaich e do sgoiltean, le na tiotalan An Uiseag, An Lòn-dubh, Am Brù-dhearg, agus An Smeòrach. Rinn e faclair cloinne, Am Briathrachan Beag, agus leabhrain sgoile, An Treòraiche, agus An Comh-threòraiche.

Rinn e leabhraichean do dh'inbhich cuideachd, mar eisimpleir Songs of the Highlands a chuir e fhèin agus An t-Athair W. Whitehead a-mach, leabhar mòr eireachdail as a bheil leth-cheud òran le facail agus fuinn, agus eadar-theangachadh gu Beurla uaireannan air a dhèanamh le Calum fhèin.

Dheasaich e Làmh-sgrìobhainn MhicRath airson clò agus 's iomadh duine a chuidich e le leabhraichean a dheasachadh.

Thuirt Iain Dòmhnallach air prògram a rinn e mu dheidhinn don BhBC:

"Thàinig e gu fearachas agus meadhan-aois aig deireadh linn as an robh mòran air tachairt ann an saoghal nan Gàidheal agus na Gàidhlig. Bha aimhreit agus deasbad mu fhearann a' dol, rud mu nach eil sinn fhìn uile gu lèir aineolach. Bha mòran Ghàidheil a' tighinn gu Galldachd agus gu h-àraidh do Ghlaschu is bha iad a' sìor thighinn.

Tha e buailteach gu leòr gu feuchadh iad ri saoghal Gàidhealach a dhèanamh dhaibh fhèin sna bailtean mòra aig cruinneachaidhean is cèilidhean is eile. Bhathar a' cur air chois Chomuinn is bhuidheannan an-siud agus an-seo. Agus bhathar a' dèanamh mòran de sgrìobhadh Gàidhlig ann an leabhraichean agus irisean.

Bha Calum MacPhàrlain a' fuireach faisg air Glaschu far an robh mòran dhe na bha seo a' dol. Bha e eòlach air daoine a bha sàs ann agus bha e nàdarra gum biodh e fhèin na lùib cuideachd."

Bha Calum am measg an fheadhainn a stèidhich Comann Gàidhlig Ghlaschu san fhoghar 1887. Bha e na rùnaire ann am bliadhnaichean tràth a' Chomainn agus an dèidh sin na Cheann-suidhe.

Bha e an sàs an obair A' Chomuinn Ghàidhealaich cuideachd agus bha e na bhritheamh aig a' chiad mhòd as an Òban. Thug e greis na rùnaire ged nach robh e an còmhnaidh ag aontachadh ris an t-slighe air an robh An Comann a' dol.

Cha do phòs Calum MacPhàrlain riamh. Bha e a' fuireach còmhla ri a mhàthair agus a phiuthar gus na bhàsaich an dithis aca. Chan eil teagamh nach e an t-òran is ainmeil a rinn e, agus 's dòcha is tric a chluinnear fhathast, Mo Dhachaigh.

Bhàsaich Calum MacPhàrlain ann an Grianaig, aig aois 77, san t-earrach 1931.

"B' e a thlachd a' Ghàidhlig, a dhaoine is a dhùthaich adhartachadh."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.