Calum MacLeòid

Rugadh Calum MacLeòid, Calum Fox, as Na Geàrrannan, ann an Càrlabhagh, Leòdhas, sa bhliadhna 1902. An dèidh an sgoil fhàgail thug e greis ag obair aig a' Mhorair Leverhulme ann a' Steòrnabhagh.

Chaidh e do na Stàitean Aonaichte san Lùnastal 1923 agus shoirbhich leis ann an Ameireagaidh. Fhad 's a bha e ann, tha e coltach gu robh e cuimhneachail air an fheadhainn a bha aig an dachaigh, agus air clann Sgoil Chàrlabhaigh.

Nuair a bhris a shlàinte thill e air ais a Leòdhas, far na chaochail e air 15 Giblean, 1931. Chaidh adhlacadh ann an cladh Dhaile Mòir mar a dh'iarr e san t-òran An Till Mise Chaoidh.

An dèidh a bhàis sgrìobh caraid:

"Outwardly his was a sunny nature and only to the few did he reveal that philosophic side of him which made him notable among his fellows. He could plough depths of thought where few could follow and I shall always feel grateful that, on occasions, I was permitted to traverse with him these unfamiliar tracks. His philosophy of life was beautiful in the extreme and bound to influence and enrich all who came in contact with him."

Bha Calum MacLeòid gu làidir den bheachd gu robh eachdraidh air a fiaradh a thaobh nan Gàidheal agus nan Èireannach, agus gu robh na Gàidheil ro dhiùid ann a bhith a' tagradh an còirichean fhèin. Ann an òran eile tha e ag ràdh:

'S beag a thuig sibh cò spùin sibh bho ur còir
No cò a bh' air a' stiùir an eagalaich cùileach fo chleòc.
Aig an robh arm a' chrùin 's laghan cùirteach nan dòrn
Thionndaigheadh iad gach taobh is lùbadh iad gach dòigh.

'S e na factors dh'fhaodadh smùideadh 's rùsgadh dachaighean nan seòid
Agus rudan an-diadhaidh chur an gnìomh fo sgiath na Lords,
Bha iarrtach na Gàidheil spìonadh, 's an "cùrsa ciallach" gabhail leò,
Sin agaibhse luchd-riaghlaidh pàrlamaid rianail na Roinn Eòrp'.

Cha d' shalaich na h-uaislean ud a làmhan man tàirngeadh iad nàir' orr' bhiodh buan,
Airson an obair sin gu h-àraidh chruinnich iad tràillean shìos is shuas;
Chuir iad cuideachd, ged bu ghrànd' e, thuc' teachdairean gun ghràs, gun Dia,
Dh'iarradh orr' bhith foighidneach, làidir, gun èirigh 'n àrd ma bha gràdh ac' do shoisgeul Chrìosd.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.