B' e Calum MacIllEathain, Calum Beag Chaluim Iain Aonghais à 84 Rathad Chros Sgiogarstaidh ann an Nis, Leòdhas, a rinn an t-òran seo agus e aig an taigh air fòrladh ann an 1940. Bha naidheachd bàis caraid dha, Iain Uilleam Eachainn bho Chùl a' Ghàrraidh, air tighinn mun àm a bha aige-san ri tilleadh dhan bhlàr. Bha Iain air a bhith sònraichte math air spòrs agus na dheagh sgoilear ann an Sgoil MhicNeacail ron chogadh.
B' e seòladair a bha ann an athair Chaluim Bhig, a bha na bhàrd cuideachd, ged nach eil ach dà òran leis air sgeul an-diugh, Mo Rìbhinn Dhonn agus 'Òran a' Bhàta'.
Bha Calum Iain Aonghais pòsta aig Màiri Dais à Tàbost agus bha còignear de theaghlach aca - Calum, Ciorstaidh, Sandy, Agnes agus Mairead.
Bha Calum Beag ri obair òstaireachd ann an Àrd Ruighe fad iomadh bliadhna. Phòs e tè de mhuinntir a' bhaile, Catriona Brannigan, agus bha còignear de theaghlach aca - Màiri, Sandy, Calum, Donaidh agus Tòmas.
Nuair a dh'fhosgail taigh-òsta ùr anns an Aghaidh Mhòir fhuair Calum obair an sin agus ghluais an teaghlach dhan bhaile.
Aig aon àm na bheatha bha trioblaid aig Calum le deoch làidir, ach fhuair e buaidh air sin agus thairis air iomadh bliadhna rinn e fhèin mòran airson daoine aig an robh trioblaid le deoch a chuideachadh.
Tha ochd-deug de na h-òrain aige air sgeul aig Comann Eachdraidh Nis. Tha cuspairean èibhinn nam measg mar sgeul air oidhche a' dol dhachaigh às an dròbh ann am bus. Ma bha blàthachadh air na balaich, cha robh an dràibhear e fhèin saor 's e:
Nuair fhuair e mòinteach Bharabhais sinn
'S ann thuirt e ruinn gun dearbhadh e
Gu robh e fhèin 's a' charbaid ud
Gu dearbh a' tuigs' a chèile.
Bha 'n rathad caol 's cha b' liar dha e,
'S ann shaoil mo laoch gu feuchadh e
Taigh-sholais Nis a dhèanamh dheth
Mar eun a' dol air sgèith ann.
An t-inneal bochd, is ràn aige
Dol mach 's a-steach mu ghàrraidhean;
'S ann chunnaic e là b' fheàrr a bh' aig
Air sràidean slàn Dhùn Èideann.
Tha mòran de na h-òrain aig Calum mu Sgìre Nis agus tha e tric a' toirt luaidh air bòidhchead na mòintich agus na machraichean, agus air na daoine air an robh e cho eòlach na bhalach:
Mo smuaintean air 'n aiseag gu eilean mo ghràidh
'S mo chridhe san àite bho rinn e
Le bannan a' ghaoil a cheangal gu tràth
'S chan fhosgail gu brath an snaim ud;
'S ann ann nach deigheadh duine orm seachad air sràid
Gun thighinn dàn son crathadh na làimhe
Le dùrachd an cridhe cur furan is fàilt'
'S toirt facal no dhà de chainnt rium.
'S thàinig thugams' a-rithist air sgiathan na cuimhn'
Sealladh cho grinn 's a tha 'n nàdar
A' ghrian a' dol sìos an taobh siar dhen a' bheinn
Tarraing cleòca na h-oidhche mu sàile;
Ach 's e mheudaich mo shòlas ach crònan an uillt
'S e fiaradh tro ghlinn chun na traghad
'S an uiseag 's an smeòrach 's iad dhomhsa ri seinn
Gu tuiteam na h-oidhch' air an àirigh.
Chaochail Calum ann an 1995 agus tha e air a thìodhlacadh ann an Àrd Ruighe.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.