B' ann à Ceann Loch Iùbh a bha Calum MacIllEathain, Calum a' Ghlinne. Bha e air a bhith san arm nuair a bha e na b' òige agus ri linn sin bha peinsean beag aige agus bha beagan fearainn aige air mhàl aig bonn Beinn Fuathais.
A rèir an eachdraidh a tha Iain MacCoinnich a' toirt air Calum a' Ghlinne anns an leabhar Sàr Obair nam Bard Gaelach, bha Calum pòsta aig boireannach a bha cha mhòr cho foighidneach agus a bha Iòb sa Bhìoball. 'S i a dh'fheumadh a bhith foighidneach oir bha Calum anabarrach dèidheil air a dhrama.
Cha robh aig Calum agus a bhean ach an aon leanabh, nighean a bha air leth bòidheach, a bh' air tighinn gu aois ach nach robh a' faighinn cèile. Bha a' choire airson an t-suidheachaidh seo air a chur air a h-athair chionns gu robh e ag òl a h-uile sgillinn a bha e a' cosnadh, 's le sin cha b' urrainn dha a tochradh a phàigheadh. Anns an t-òran Mo Chailin Donn Òg tha e a' moladh bòidhchead a nighean agus ag aideachadh a chiont.
Bidh d' athair an còmhnaidh ag òl le caithream,
'S e eòlas nan còrn a dh'fhàg mi cho falamh.
Mo chailin dhonn òg.
Tha e coltach ged-tà, a dh'aindeoin a h-athair, gun do phòs cailin donn òg Chaluim a' Ghlinne agus gu robh i fhèin agus a cèile a' fuireach an Cunndainn mun bhliadhna 1769.
Ma rinn Calum a' Ghlinne barrachd air an aon òran seo chan eil lorg orra an-diugh. Tha e coltach gur e duine dòigheil a bh' ann a bha math air seinn, agus gum biodh daoine a' sireadh a chuideachd nuair a nochdadh e san taigh-òsta.
Bha sgeulachd aig MacCoinnich mu thuras a chaidh Calum a dh'Inbhir Pheofharain air latha samhraidh a dh'iarraidh bobhla min-choirce. Bha an latha teth 's thàinig am pathadh air Calum 's thadhail e ann an taigh-òsta airson deoch. Ann an sin thachair e air dròbhair à Bàideanach agus thòisich iad ag òl còmhla, drama an dèidh drama, gus na chosg Calum na bh' aige de dh'airgead.
Nuair a thuirt e ris an dròbhair nach rachadh e dhachaigh buileach fhathast nam biodh an tuilleadh airgead aige, cheannaich an dròbhair an t-each glas aig Calum bhuaidhe agus lean an dithis orra ag òl, gus na theirig an t-airgead air Calum airson an dara uair.
Nuair a dh'innis Calum gu feumadh e nis a dhol dhachaigh thuirt an dròbhair nach robh e a' tuigsinn ciamar a bha an aghaidh air a leigeadh dha a dhol dhachaigh gu bhean as an staid as an robh e.
"Mo bhean!" arsa Calum le iongnadh, "Cha d' thuirt, agus cha chan i nas miosa rium na "Dia leat a Chaluim!""
Chuir an dròbhair geall nach tachradh seo idir agus, nan tachradh, gun toireadh e prìs na mine agus prìs an eich air ais do Chaluim.
Dh'fhalbh iad còmhla agus bha a bhean cho toilichte Calum fhaicinn a' tilleadh dhachaigh slàn, sàbhailte, 's gun do chuir i a gàirdeanan timcheall air 's i ag ràdh, "Dia leat a Chaluim!" Le sin fhuair Calum prìs na mine agus an eich bhon dròbhair.
Chaochail Calum a' Ghlinne mun bhliadhna 1764.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.