Rugadh Calum MacIllEathain, Calum Iain Aonghais, ann an 1882 aig 17 Tàbost, Nis ann an Eilean Leòdhais. Thug e fad a bheatha a' seòladh, ach a-mhàin na còig bliadhna a bha e na phrìosanach aig na Gearmailtich aig àm an Dàrna Cogaidh, an dèidh dhan t-soitheach air an robh e na lamp trimmer a bhith air a cur fodha le raider Gearmailteach, am Pinguin, as a' Chuan Innseanach mu 1,000 mìle an iar air Freemantle an Astràilia.
B' e an t-soitheach sin am Maimoa, tè de bhàtaichean Shaw Savill. Bha i mu 10,000 tunna, agus mu 20 bliadhna a dh'aois. Bha deugachadh Niseach as an sgioba aice, cuid a bha air a thighinn gu aois ach feadhainn aca a bha glè òg agus air a' chiad bhòidse.
Nuair a chaidh am Maimoa a ghlacadh air 20 Samhain 1940 chaidh an sgioba aice a thoirt far an t-soithich agus thug iad dà sheachdain fo ghlas air an raider. Às dèidh sin chaidh an cuir air bòrd tancair a bha na Gearmailtich air a ghlacadh.
Bha na Nisich am measg 500 prìosanach air bàta air an robh goireasan airson sgioba de 40 a-mhàin. Thug iad 11 seachdain glaiste oirre mus deach an cur air tìr ann am Bordeaux, san Fhraing air 5 Gearran 1941, salach, acrach, pàiteach agus claoidhte, 's gun fhios aig an teaghlaichean an robh iad beò no marbh.
Air BBC Radio nan Gàidheal, a' cuimhneachadh air na seachdainean uabhasach sin, glaiste a' mhòr-chuid dhen ùine fo rùm air an tancair, dh'innis Aonghas MacIllEathain, Aonghas Ruadh a' Bhodaich à Nis mun chuimhne a bha aige air Calum Iain Aonghais:
"Cha robh duine again a ghabh cùisean na bu truime na Calum Iain Aonghais. 'S e b' aosta bh' againn ann. Bha na balaich òga mar nach biodh iad a' gabhail a-steach na bha romhpa. Ghabh Calum a-steach a's spot "Well, tha mise an seo gu deireadh a' chogaidh." Chaidh sin a-nis a chumail bho na balaich òga. Cha robh iad ga ghabhail a-steach ach bha tuigse Chaluim cho farsaing."
Ach bha a dhòigh fhèin aig Calum air dèiligeadh ris an t-suidheachadh, mar a dh'innis Aonghas:
"Rinn mi fhìn agus Seonaidh, rinn sinn leabaidh a-mach à pìos ròpa agus bha Calum Iain Aonghais, bha e fhèin a' faireachdainn an fhuachd 's thàinig e còmhla rinn dhan a' leabaidh. Cha bhiodh càil aig Calum ach "Well! Well!" co-dhiù, 's nuair a dheigheadh na solais às bhiodh iad a' gabhail amhrain, gu h-àraidh na Sasannaich, a' cumail daoine nan dùisg. Bha Calum, cha bhiodh càil aige fad na h-oidhche ach "Well! Well!" Sin a' chuimhne as fheàrr a th' agam air Calum."
Ann am Bordeaux chaidh an cuir air trèana dhan Ghearmailt agus mu dheireadh ràinig iad na campaichean as am biodh iad gun deigheadh an saoradh aig deireadh a' Ghiblein, 1945. Bha cuimhne mhath air an latha sin:
"Nuair a bha mi a' soighnigeadh m' ainm as a' Ghearmailt, 's mi bha tighinn às dèidh Chaluim Iain Aonghais agus 's e Malcolm MacLean a bha air-san agus Angus MacLean ormsa. 'S dh'fhaighnich iad dhomh an e m' athair a bh' ann. "Well," thuirt mi, "Cha mhòr nach e. Tha e a' dèanamh athair dhomh an seo co-dhiù." Agus bha e. Bha e dìreach mar athair dhuinne ann a' siud."
Bha Calum Iain Aonghais pòsta aig Màiri Dais à Lìonal agus bha an dachaigh aca aig 84 Cros Sgiogarstaidh. Bha còignear de theaghlach aca, nam measg Calum a bha na bhàrd agus a sgrìobh an t-òran ainmeil Deireadh Fòrladh, 1940.
Chan eil ach glè bheag de bhàrdachd Chaluim Iain Aonghais air sgeul an-diugh. A bharrachd air Mo Rìbhinn Dhonn, chan eil ach aon òran Gàidhlig eile mu bheil cinnt gur e rinn e. Ann an 'Òran a' Bhàta' tha Calum a' tarraing às a nàbaidhean:
An cual sibh mun iùbhrach,
Bha triùir innt' às a' bhaile seo
Dh'fhalbh i à Port Gòrdan
Gu seòladh na marannan;
Gun solas geal no uaine,
Gun luaidhe ga chleachdadh innt'
'S cha robh guth air combaist
No cunntas air latitude.
Air navigation cha robh sùil
Air rùlaichean cha shealladh iad
Nam faighte bùrn is gual air bòrd
Is còcaireachd bho na ceannaichean;
Briosgaid chruaidh is ìm is feòil
Bòtannan is canabhas
Gun càireadh iad seòl ruadh rithe
Gu tuath mar a laigheadh i.
Chaochail Calum air 4 Dàmhair, 1965, aig aois 83.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.