Calum MacIain

B' e Calum MacIain fear den triùir ghillean a bha aig Aonghas Chaluim agus Catriona Aonghais 'ic Dhòmhnaill Mhòir ann am Barraigh. Rugadh e air Latha nan Trì Rìghrean, 6 Faoilleach 1891. Bha còignear nigheanan san teaghlach cuideachd.

Aig aois 16 dh'fhàg Calum Barraigh airson a dhol a Dhùn Èideann far an robh e ag obair na neach-tarraing aig Bruce Peebles Industries Ltd. Bha e an Dun Èideann bho sin gus na leig e dheth a dhreuchd aig aois 65, ach a' mhàin gun tug e bliadhna ann am Birmingham agus bliadhna eile ann am Manchester.

Ach a dh'aindeoin falbh à Barraigh aig aois cho òg agus a bhith air falbh às an eilean cho fada, chùm e air ag ionnsachadh mu dhualchas, mar a dh'innis e air prògram a chlàr e còmhla ri Fred MacAmhlaigh dhan BhBC air 5/5/1070:

"Bha mi car fortanach as an dòigh sin. Fad còig bliadhna co-dhiù, ann an Dùn Èideann, bha mi fhìn agus Dòmhnall Mac na Ceàrdaich a' fuireach còmhla, agus tha fhios agaibh an ùidh a bh' aige-san as a h-uile dad Gàidhealach, agus bhiomaid ag ionnsachadh òrain agus a' leithid sin.

'S e an cur-seachad ùine a bh' againn. Cha robh an còrr againn. Cha robh airgead againn ach bha rudan againn nach ceannaicheadh airgead. Agus bhiodh Dòmhnall a' dèanamh òrain agus bhithinn-sa a' seinn an fheadain is bhiomaid a' cur seachad an ùine mar sin.

Ann an Dùn Èideann thug Calum ùine na rùnaire agus na ionmhasair aig a' Highland Pipers Society. B' e deagh phìobaire a bh' ann fhèin.

Thog Calum agus a phiuthar Anna mòran òrain bho am màthair agus bho dhithis nàbaidhean anns a' Ghleann am Barraigh, Ealasaid agus Peigi Eachainn 'ill Easbaig. Bhiodh Calum a' tilleadh a Bharraigh cho tric 's a b' urrainn dha:

"Bhiomaid a' tilleadh dhachaigh a h-uile bliadhna, uaireannan a' tighinn dhachaigh aig a' Bhliadhn' Ùir. Gheibheamaid dà latha holidays agus thigeadh an sin a' stoirm, is dhèanamaid seachdain dheth. Agus gheibheamaid cola-deug as t-samhradh.

Agus 's ann a' cruinneachadh a bha sinn cho fad 's a bha sinn aig an taigh. Nan cluinneamaid dad às ùr, dh'ionnsaicheanmaid e."

Dh'ionnsaich Calum gu leòr òrain is sgeulachdan fiù 's mus do dh'fhàg e Barraigh:

"Sin an uair a tha duine ag ionnsachadh, nuair a tha e òg. Tha cuimhne agam glè mhath air na taighean cèilidh is an fheadhainn a bha math air sgeulachdan. 'S bhiomaid a' dol annta.

Nuair a nì duine cleachdadh dheth, tha e furasta gu leòr sgeulachd a thoirt leis. Rachamaid do thaigh a-nochd 's chluinneamaid sgeulachd ann, 's ghabhamaid fhìn i ann an taigh a choireigin eile an ath-oidhch'.

Bheireadh duine leis sgeulachd air aon chluinntinn aig an aois ud co-dhiù. Nuair a sguireas duine gan innse caillidh e iad. Chaill mise a h-uile sgeulachd a bh' agam. Dh'fhalbh iad orm."

Ach ma bha Calum a' gearain gun do chaill e na sgeulachdan, chan eil teagamh nach do ghlèidh e mòran òrain air chuimhne agus chlàr e mòran dhiubh do Sgoil Eòlais na h-Alba.

Nuair a dh'fhaighnich Fred MacAmhlaigh dha dè an t-òran a b' fheàrr leis, fhreagair e mar seo:

"Bidh sin ag atharrachadh o àm gu àm. A' fear a bhios sibh dèidheil air aig aon àm, 's a bhios sibh a' gabhail gus a' fàs sibh sgìth dheth, agus thèid sibh an uair sin gu fear-eigin eile.

Ach 's e òran a bha mi fuathasach dèidheil air a-riamh, agus a dh'ionnsaich mi nuair a bha mi glè òg, agus bha mi cho miadhail air, 's nuair a dh'fhalbhainn a dh'iarraidh poca mònadh, thòisichinn air an òran agus nuair a rachainn troimhe o cheann gu ceann, thòisichinn as an toiseach a-rithist. Agus 's e an t-òran a bha sin an t-Òran Leannanachd a rinn Ailean Dall."

Dh'eug a' chiad bhean a bha aig Calum agus phòs e Peigi a' Chrucail à Àrd Mhidhinis am Barraigh. Thill iad nan dithis a dh'fhuireach a Eòlaigearraidh nuair a leig Calum dheth a dhreuchd.

Fhuair Calum MacIain bàs aithghearr air 4 Dùbhlachd 1972 agus e a' cluich na pìoba aig tòrradh a charaid, an sgrìobhaiche Compton MacCoinnich.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.