Calum MacGillìosa

Chaidh 29 òran le Calum MacGillìosa fhoillseachadh ann an leabhar Smeòrach nan Cnoc 's nan Gleann, air a dheasachadh le Bernard Gillis agus an t-Ollamh P. J. MacNeacail ann an Antigonish an Alba Nuadh. Chaidh fhoillseachadh an Glaschu sa bhliadhna 1939.

Anns an ro-ràdh tha Dòmhnall MacPhàrlain a' sgrìobhadh:

"Mur b' e cho iomraiteach 's a tha cuid de dh'òrain Chaluim MhicGillìosa anns gach àite sa bheil a' Ghàidhlig beò, 's dòcha nach robh an leabhar seo riamh air a chur an clò."

Am measg nan òran sin tha 'Òran do Cheap Breatainn', 'Am Bràighe', 'Òran a' Bhàta', 'Màiri Lurach', 'Moladh a' Chùil', 'Bàl na h-Aibhne Deas', 'Òran do Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir', 'Òran an Taghaidh' agus an t-òran leis is dòcha as trice a chluinnear an Alba an-diugh, Nighean Donn a' Chùil Rèidh.

'S e do chòmhradh, a rùin,
Cainnt as ceòlmhoire leam
Na guth smeòraich an dlùth choill nan craobh,
No bog thorman nan allt
Tighinn o àirigh nan gleann
'S mi sa mhoch mhadainn shamhraidh rin taobh.

Tha do nàdar, a luaidh
Coibhneil, càirdeil, gun ghruaim,
Gur e d' àilleachd thug buaidh air gach tè;
Dh'èireadh m' aigne le sunnd
Nuair a choinnicheadh tu rium,
'S chuirinn fàilt' air nighean donn a' chùil rèidh.

Tha MacPhàrlain a' toirt iomradh air a' bhàrd a rugadh ann am paraiste Naomh Eòsaph, Màirgairi an Iar-dheas air Eilean Cheap Breatainn. B' ann à Mòrair a thàinig a chuideachd agus b' e a shloinneadh Calum Eòghainn 'ic Aonghais 'ic Caluim 'ic Dhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh.

"Bu duine e air an do bhuilich Dia iomadh tàlant; agus ged nach d' fhuair e de ionnsachadh ach na ghabhadh faighinn anns na sgoiltean cumanta, rinn e deagh fheum de na bha aige. Chuir e seachad àireamh bhliadhnachan a' cumail sgoile, ach cha do chùm sin e gun bhith aimseach an obair sam bith a dh'fhaodadh tighinn fo làimh, agus dhèanadh e gnìomh cho dreachmhor ri fear-cèairde am fiodh 's an leathar.

Rinn e iomadh òran bòidheach Beurla; chluicheadh e 'n fhidheall, a' phìob 's an t-òrgan gu pongail; agus bha e anns a h-uile dòigh air dheagh iomradh. Chaith e a' chuid mu dheireadh da bheatha an tuathanachas air baile athair, far an do shoirbhich leis gu gasta. Thog e teaghlach anabarrach mòr, agus tha chuid as motha da chloinn nan luchd-ciùil.

Cha bhiodh e ri bàrdachd mar bu trice ach airson caitheamh-aimsir, no airson fealla-dhà; agus chan eil teagamh nach biodh e air barrachd saothrach a ghabhail ri iomadh sreath nan robh e an amharas gun tigeadh an latha anns am biodh iarraidh fad is farsaing air a chuid òran a chur a-mach an leabhar."

Chaochail Calum MacGillìosa air an treas là fichead de mhìos meadhanach an fhoghair, 1929, aig aois 73.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.