Bha Calum MacAoidh, Calum Ruairidh Bhàin 'ic Chaluim, agus a bhean, Catrìona NicDhòmhnaill à Barabhas Iarach, a' fuireach aig 49 Bràgar a Deas.
B' e am mac a b' òige a bha aig Ruaraidh MacAoidh, a rugadh an 1822 aig 49 Bràgar a Deas agus Catrìona NicAmhlaigh a bhuineadh do 57 Bràgar a Deas. Bha ceathrar chloinne aca, Catrìona, Màiri, Iain agus Calum a rugadh air 29 Iuchar 1866.
Tha ceithir eisimpleirean den bhàrdachd aig Calum anns an leabhar Bàrdachd Leòdhais a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1916. Sgrìobh Iain N. MacLeòid, an neach-deasachaidh mu dheidhinn:
"'S iomadh litir Ghàidhlig air a deagh sgrìobhadh a fhuair sinn à Leòdhas bhon do thòisich sinn ri cruinneachadh bàrdachd an eilein sin, ach thug sinn an urram airson pongalachd sgrìobhaidh sa Ghàidhlig don neach air a bheil sinn a' dèanamh iomraidh sa chunntas seo - Calum MacAoidh. Na choigreach do na goireasan sin a tha aig clann an àite an-diugh, tha e gu mòr ri mholadh airson oidhirpean araon ann am bàrdachd agus anns an t-saothair gun deachaidh e airson a bhith comasach air a' chànan fhèin a sgrìobhadh agus a leughadh."
Tha an comas cànain a bha aig Calum ri fhaicinn gu soilleir ann an 'Òran na Muille', a rinn e do Mhuileann nan Gobhaichean air Allt nam Breac ann a' Siabost a Deas, muileann a tha air a dèanamh an-àirde às ùr leis a' Shawbost Norse Mill Society.
A' mhuileann a dh'fhàgadh na tàmh bho chionn fhada,
'S ann a chithear gu h-aithghearr bhith tarraing a' ghràin thuic';
Cha tèid muinntir Àrnoil gu bràth chun a' Chaiseil,
'S gu faicear na cairtean bhon Chachaileith Bhàin aic'.
Toiseach na bliadhna gu faighear fir-iasgaich,
A' cruinneach' na dh'iarras i dh'iarann don cheàrdaich,
Bidh mise le m' chliabh a' toirt thuice na crèadhadh,
'S mun sguir iad ga liacradh chan iarradh tu sgàthan.
Nuair thèid an roth ùr innt', gu meil i co-dhiù dhuinn,
Le sailean is cùb a rèir tùr nam fear-ceàirde,
Tha tè air gach taobh dhith a thèid chun a' bhùbaidh,
Mur bi iad cho siùbhlach gu smùideadh na càthaidh.
Mur freagair an dam aic' gun cuir sinn roth-gaoith innt',
Sin pàtaran grinn far na Galltachd a thàinig.
Chan fhada gu seall sinn nach eil sinn cho millte
An eanchainn ar cinn 's a tha muinntir ag ràidhtinn.
'S ann ri croitearachd a bha Calum fad a bheatha agus tha e follaiseach bhon bhàrdachd aige gu robh beachdan làidir aige air ceist an fhearainn:
Bha dùil aig Lord Lòbhat
Gum faigheadh e òigridh
Bha tapaidh gun fhòtas
Fo chòmhdach nam beann;
Ach fhuair e chuid mhòr dhiubh
Bhon dachaigh air fògradh
A' cosnadh am beòshlaint
'S a' còmhnaidh measg Ghall.
Mi 'n dòchas nach fhada
Gum faicear an latha
Gun fèidh air na beannaibh
'S na srathan fo bhàrr.
'S na h-uile fear againn
Na thuathanach fearainn
'S gun uibhir ga cheannach
Leinn thairis air sàl.
Agus a-rithist ann an 'Òran nan Coitearan':
Carson a rugadh sinn a-riamh
Mur d' ullaich Dia bith-suas dhuinn,
'S am fearann fàs fo chaoraich bhàn
A dh'àithn' E thoirt don t-sluagh seo.
Chan fhaigh iad fois no sìth gu bràth
Gun tàrr iad thar a' chuain sinn,
A-null don dùthaich a dh'fhàg mòr thùrs'
Air iomadh fiùran buadhach.
Gun cuir iad sinn a-null thar sàil
Bho thìr na màthair uasail
An tìr a dh'àraich na fir threun
Nach gèilleadh anns a' chruadal.
An tìr a dh'àraich sinn nan dèidh
An trèig sinn i cho suarach?
Is ged a thigeadh arm an rìgh
Cha strìochd sinn am fuil fhuar dhaibh.
Tha e follaiseach cuideachd bho òrain leithid Òran a' Mhagarine agus 'Òran a' Bhiuthagain' gu robh Calum Ruaraidh Bhàin làn dibhearsain:
Dh'fhalbh mi mach feadh na h-oidhche
Gun solas gun soills' ach rionnagan;
Shaoil leam gu faca mi taibhs',
Gu dè bha ann ach biuthagan!
Ged nach robh teaghlach aige fhèin agus aig Catrìona lean a' bhàrdachd ann an daoine a bha càirdeach dha.
Bha a phiuthar Catrìona pòsta aig Aonghais a' Chaiptein, agus b' e am mac, Ruaraidh Mac a' Ghobhainn a thug bliadhnaichean air a' phoileas an Glaschu a sgrìobh an t-òran Tom an t-Searraich.
Bha a phiuthar eile, Màiri, pòsta aig Cailean Chaluim am Bràgar agus b' e mac leotha-san, Ruaraidh Chailein a thug bliadhnaichean mòra air a' phoileas ann an Lunnainn, a rinn an t-òran 'Bràgar an Taobh Siar'.
Tha e coltach gur ann aig Calum Ruaraidh Bhàin a bha an taigh mu dheireadh le teine am meadhan an làir am Bràgar a Deas.
Chaochail e sa bhliadhna 1940.
Tha sinn an comain Aonghais MhicLeòid à Brù agus Dòmhnall A. Mac a' Ghobhainn ann an Twechar airson an cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.