Rugadh Calum Iain MacNeacail MacLeòid ann an 1913 san Dòrnaidh ann an Loch Aillse far an robh athair na mhaighstir-sgoile aig an àm.
B' e athair Iain T. MacLeòid a rugadh san Eilean Sgitheanach agus a bha a' sgrìobhadh fon ainm Alasdair Mòr ann an Gazette Steòrnabhaigh bho 1917 gu seachdain no dhà ro bhàs ann an 1954. B' e cuideachd a dheasaich an leabhar Bàrdachd Leòdhais.
B' i a mhàthair Anna NicLeòid à Breacleit am Beàrnaraigh Leòdhais, nighean a' mhiseanaraidh, Calum MacLeòid.
Chaidh Calum Iain dhan sgoil ann an Srath Fharagaig anns a' Chnoc Bhàn an Sgìre Mhuire, faisg air Inbhir Nis, agus ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis mus deach e a dh'Oilthigh Dhùn Èideann, far an tug e a-mach ceum ann an Ceiltis.
Bha e na oifigear san Intelligence Corps anns a' chogadh agus dh'fhàg e an t-Arm le inbhe Màidsear. Chuir e seachad a' mhòr-chuid de bheatha às dèidh sin ag obair, ann an diofar dhreuchdan, an lùib foghlam Gàidhlig ann an Alba Nuadh, an Canada.
Ann an 1958 chaidh fhastadh airson Roinn Ceiltis a stèidheachadh ann an Oilthigh St Francis Xavier an Antigonish.
Fhuair e Crùn a' Bhàird aig Mòd Dhùn Dèagh anns a' bhliadhna 1937, an duine a b' òige a fhuair an Crùn aig an àm, le bàrdachd mun Chuan Siar:
'S e caithream an làin
Is faram nan ràmh ri teachd
An ealaidh a b' àillt'
Ri mo mhaireann 's e ghnàth mo bheachd;
'S ged bhiodh m' anam fo phràmh,
'S mi ri caladh a' tàmh fo smachd
Dhèanadh caitheamh an t-sàil'
M' fhìor-aiseag an dàil mo neairt.
Ann an 1952 nochd cruinneachadh den bhàrdachd aige, An t-Eilthireach, air a chlò-bhualadh ann an Glace Bay an Alba Nuadh. Anns an ro-ràdh tha e ag ràdh:
"Tha sinn, ceum air cheum, a' strì ri bratach na Gàidhlige a chumail ri crann, a dh'aindeoin gach cnap-starraidh a tha romhainn. Tha mi 'n dùil gu faic sinn fhathast san linn seo toradh ar saothrach là brèagha air choireigin an uair as lugha a bhios sùil againn ris."
Chan eil teagamh nach do rinn e fhèin oidhirp mhòr airson "bratach na Gàidhlige a chumail ri crann".
Ag obair còmhla ris an eòlaiche ciùil Eilidh Creighton, sgrìobh e sìos agus dh'eadar-theangaich e faisg air ceud òran, a' mhòr-chuid aca bho chlàraidhean a rinn Eilidh, ach cuid a chlàr e fhèin. Chaidh Gaelic Songs in Nova Scotia fhoillseachadh le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Chanada, an toiseach ann an 1964 agus a-rithist ann an 1979.
Tha e ag innse mar a fhuair e litir bho Ruaraidh MacThòmais, fear-deasachaidh na h-iris Gairm, san t-Sultain 1968:
"B' e iarrtas MhicThòmais gun cuirinn ri chèile leabhran de sgeulachdan à Albainn Nuaidh nach robh riamh an clò, is gu h-àraidh cunntas air eachdraidh nan eilthireach san tìr seo.
Uill, cha d' rinn mi dàil sam bith. Cheannaich mi leth-bharaille de sgadain saillte, meirgeach, is poca buntàta gorm an Arasaig; bhuail mi fodham, is shìn mi air rùrach 's air rannsachadh mar a b' fheàrr a rachadh agam air."
Cha robh e fhèin fada ris an obair is chaidh Sgialachdan à Albainn Nuadh, air an cruinneachadh agus air an sgrìobhadh le MacLeòid, fhoillseachadh le Gairm, ann an Glaschu, an ath bhliadhna a-rithist, 1969.
Cha robh an ath leabhar fada às a dhèidh:
"Air a' chiad den Dùbhlachd, 1969, thuirt mi rium fhìn, nuair a chuireadh Sgialachdan à Albainn Nuadh air bhog, leigidh mi m' anail, ach cha robh sin an dàn.
Air an dearbh latha sin fhèin, thàinig fios o Ruaraidh MacThòmais, fear-deasachaidh Gairm, ag ràdh gur dòcha gum biodh e iomchaidh a-nis companach a bhith aig na Sgialachdan, 's e sin ri ràdh bàrdachd à Albainn Nuadh.
Cha robh mòran piobrachaidh a dhìth orm airson aonta a chur ris an iarrtas sin."
Nochd an leabhar Bàrdachd à Albainn Nuadh ann an 1970.
Dh'fhoillsich Gairm aon leabhar eile le MacLeòid, Sgial is Eachdraidh, ann an 1977, agus tha an lèirmheas a sgrìobh Ruaraidh MacNèill air, ann an Gairm Àireamh 102, (Earrach 1978), a' toirt sealladh air dìcheall MhicLeòid:
"Chaidh a' chiad dheich de na pìosan rosg san leabhar bheag thaitneach seo fhoillseachadh an toiseach ann an Alba eadar 1933 agus 1944 agus chaidh na 39 eile fhoillseachadh an Albainn Nuadh an Canada eadar 1950 agus 1971 anns na pàipearan-naidheachd Eastern Chronicle, The Casket agus Cape Breton Mirror."
'S e fìor mheasgachadh de chuspairean a tha san leabhar, bho Fhearchar a' Ghunna gu Diùc Tharantum, bòcain, iasgach, naidheachdan air na fineachan Gàidhealach agus beatha agus saothair dhaoine ainmeil.
Chaochail Calum I. M. MacLeòid ann an 1977.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.