Rugadh Calum Camshron ann an Govanhill, ann an Glaschu, air 12 Dùbhlachd, 1923. 'S ann à Eilean Shòaigh an Eilein Sgitheanaich a bha athair, Eòghainn a' Chùirn, agus bhuineadh a mhàthair, Oighrig Pheutanach, Pheimeag Chaluim 'ain Bhàin do Bheàrnasdail.
Chaochail a mhàthair nuair a bha Calum trì bliadhna a dh'aois. Tha cuimhne aige air latha an tìodhlacadh agus fiù 's aig aois trì bliadhna cho diombach 's a bha e nach d' fhuair e chun a' chlaidh còmhla ri na fir, seach a bhith air fhàgail aig an taigh còmhla ri na boireannaich.
An dèidh bàs a mhàthair, bha Màiri Anna, piuthar a mhàthar agus an duine aice, Tormod MacLeòid, a' coimhead às a dhèidh am Borgh. Thug Calum dà bhliadhna còmhla riutha agus athair aig muir ag obair air bàtaichean Uilleam Sloan a-mach à Glaschu.
Nuair a bha e mu chòig bliadhna a dh'aois, ghluais Calum air ais a Ghlaschu airson gu faiceadh e athair nuair a bhiodh e ri port. Chaidh e a dh'fhuireach ann an Garnethill còmhla ri Ceiteag agus Seonag, dithis pheathraichean athair. Chaidh e do Bhun-sgoil Garnetbank agus an dèidh sin do dh'Àrd-sgoil Woodside.
Dh'fhàg Calum an sgoil nuair a bha e ceithir bliadhna deug agus chaidh e a dh'obair do dh'Oifig a' Phuist. Airson dà bhliadhna bha e na theachdaire a' giùlain telegraman feadh a' bhaile ach bha e cuideachd a' dol do sgoil-oidhche airson deuchainnean City and Guilds a shuidhe. Aig aois sia-deug thòisich e a' dèanamh obair telegraphist. Bha seo aig àm a' chogaidh agus, ged is e obair ghlèite a bh' ann, ann an 1942, chaidh e gu saor-thoileach gu Feachd an Adhair.
Fhad 's a bha e a' trèanadh ann a' Scarborough, bha Dòmhnall MacThòmais, a bha an dèidh sin a' teagasg ann an Àrd-sgoil an Òbain, am measg an fheadhainn a bha ga ionnsachadh. An dèidh a thrèanadh chaidh Calum a thaghadh mar fhear a bhiodh freagarrach mar phìleat agus chaidh e gu ruige Calgary ann an Canada, airson an tuilleadh trèanaidh. Nuair a thill e bha an t-sìth air a gairm anns an Roinn Eòrpa.
An dèidh Feachd an Adhair fhàgail, ann an 1947, bha faisg air ceithir mìosan fòrladh aige, agus rinn e air Sòaigh. Bha Gavin Maxwell air an eilean aig an àm sin a' sealg nan cearban agus bha e ag obair dha airson trì mìosan, ged nach d' fhuair e riamh chun an t-seilg fhèin, mar a bha e a' miannachadh.
Thill e air ais a Ghlaschu gu Oifig a' Phuist far an robh e ron chogadh, agus thug àrdachadh anns an obair e a dh'Obar Dheathain. Aon oidhche ann a' sin bha e aig cèilidh-taighe, agus bha e air iarraidh air a h-uile duine anns a' chuideachd òran a ghabhail. Cha robh aig Calum aig an àm sin ach sèist 'Cailin mo Rùin'. A dh'aindeoin sin, chaidh gabhail ris cho math 's gun deach iarraidh air seinn aig an ath chèilidh sa bhaile. Dh'ionnsaich e na ceathramhan gu lèir agus a-rithist chaidh gabhail ris cho math 's gun d' fhuair e encore, rud nach b' urrainn dha dhèanamh.
An ceann ùine, fhuair e cuireadh bho Eòghainn Mac a' Phì, ceannard Gàidhlig a' BhBC aig an àm, tighinn gu dearbhadh no audition ann an Glaschu. Chaidh leis agus thòisich e a' dèanamh recitals agus mòran obair eile dhan BhBC. Anns na trì ficheadan, le piobrachadh bho Fred MacAmhlaigh, thàinig e fhèin, Louis Stiùbhart agus Alasdair MacGillìosa còmhla anns a' bhuidheann na Innes Gaels. Nuair a dh'fhàg Alasdair, chaidh àite a ghabhail le Eàirdsidh Mac an t-Sagairt.
Ghabh Calum ùidh mhòr ann an dràma Ghàidhlig. Fhuair e an duais mar an cluicheadair a b' fheàrr aig a' chiad Fhèis Dràma Ghàidhlig ann an Glaschu, ann an 1957. Còmhla ri Pòl MacAonghais agus cluicheadairean eile, chaidh e air chuairt air feadh na Gàidhealtachd leis a' bhuidheann dràma Na h-Eileanaich. Nuair a chaidh e a dh'fhuireach a Dhùn Èideann bha e an lùib Cluicheadairean Dràma a' bhaile.
Fhad 's a bha Calum ann an Obar Dheathain, choinnich e agus phòs e Emily Nic Ille Dhuinn, à Udny, tuath air a' bhaile. Bha seo ann an 1955 agus goirid an dèidh sinn thill iad a Ghlaschu agus rinn iad an dachaigh ann am Broomhill. Rugadh an teaghlach, ceathrar ghillean agus aon nighean, ann an Glaschu, far an robh iad airson dusan bliadhna.
An dèidh sin thug àrdachadh na dhreuchd Calum agus an teaghlach a Dhùn Èideann, Birmingham agus air ais a Dhùn Èideann. Mun àm a rinn e an gluasad mu dheireadh bha Oifig a' Phuist ga sgaradh agus bha Calum air a dhol a dh'obair do thaobh B.T. den ghnìomhachas.
An dèidh B.T. fhàgail ann an 1982 chaidh Calum a dh'obair don Hospital Savings Association airson mu ochd bliadhna. Tha a' chlann aige an-diugh sgapte air feadh an t-saoghail. Gach bliadhna bidh e a' dol a choimhead air fear de na gillean a tha a' fuireach ann am Boston, agus an-dràsta 's a-rithist a thadhal air fear dhuibh ann na Sealan Nuadh. Tha an còrr nas fhaisge air an taigh, an Eilean Arainn, sa Chaisteal Nuadh agus ann an Eileanan Caolas na Frainge.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.