
Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl is òrain timcheall air, oir b' e athair, Seonaidh, am prìomh sheinneadair anns a' chòmhlan ainmeil Na Lochies.
Thòisich Calum a' seinn is e na ghille beag agus sheinn e air beulaibh dhaoine airson a' chiad uair nuair a bha e seachd bliadhna a dh'aois, aig dìnneir nan seann daoine ann an Talla Choimhearsnachd an Tiompain anns an Àird.
Às dèidh seo thòisich e a' gabhail pàirt anns na Mòdan Ionadail is Nàiseanta far an robh e a' cosnadh dhuaisean airson an t-seinn aige. Bha e sa bhun-sgoil an uair a fhuair e cothrom leasanan pìobaireachd fhaighinn bho Màidsear na Pìoba Iain M. Moireasdan, duine a tha air buaidh mhòr a thoirt air an leasachadh ciùil aig Calum.
Tro na bliadhnaichean chùm Calum air a' seinn agus a' cluich na pìoba aig co-fharpaisean is cèilidhean air feadh na dùthcha. 'S ann aig a' Mhòd Nàiseanta anns a' Leargaidh Ghallda a choisinn e am Bonn Òr, aig aois ochd bliadhna deug, a' ciallachadh gur e aon de na daoine as òige a ghlèidh an duais seo a-riamh.
Chùm e air as na co-fharpaisean agus bhuannaich e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann am Peairt ann an 2004, agus farpais an t-Seann Nòis aig an Fhèis Phan Cheilteach ann an 2005.
Thug Calum a-mach a' chiad chlàr aige Tàladh nan Cuantan ann an 2005, le taic bho athair, agus 's ann às dèidh seo a fhuair e cuireadh a dhol a sheinn leis a' chòmhlan Dàimh. Tha e a-nis air dà chlàr a dhèanamh leis a' chòmhlan agus tha e air nochdadh aig fèisean is consairtean air feadh Bhreatainn agus an Roinn Eòrpa còmhla riutha.
Dh'fhàg Calum an sgoil ann an 2002 agus chaidh e air adhart gu Oilthigh Obar Dheathain far an do ghabh e cùrsa ann an Cunntasachd is Ionmhas. Cheumnaich e le MA (le Urram) ann an 2006.
Goirid às dèidh seo ghluais e a dh'Inbhir Nis far an d' fhuair e obair mar Oifigear Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal. Aig toiseach 2010 fhuair fhuair e obair mar Mhanaidsear Leasachaidh na buidhne.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.