
Rugadh Cairistìona Stone ann an Col Uarach, air a' Bhac, Leòdhas, air 6 Ògmhìos, 1961. B' e Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Choinnich Tomaisean no "Moley" a h-athair. Bha a seanair air a bhith a' fuireach anns na Pollan Ruadh gus an deach iad gu Col Uarach agus b' e fear de na raiders a ghabh thairis am fearann a bha air a ghealltainn dhaibh nuair a chriochnaicheadh an Cogadh. Le sin b' e athair Chairistìona a' chiad bhalach beag a bha riamh ann an Col Uarach. B' e Màiri a' Stal a màthair agus bha a pàrantan a' ruith Oifig a' Phuist air a' Bhac fad fichead bliadhna. Tha sianar san teaghlach, ceathrar nighean agus dithis bhalach.
Chaidh Cairistìona gu Bun-sgoil a' Bhac, Sgoil MhicNeacail agus an dèidh sin gu Oilthigh Obar Dheathain airson trèanadh fhaighinn mar neach-teagaisg bun-sgoil. Bha i ag obair ann an Obar Dheathain airson dà bhliadhna an dèidh a trèanadh a chrìochnachadh.
Phòs Cairistìona agus Howard Stone ann an 1981. Ged is ann an Sasainn a rugadh Howard, bha e air a' chuid as motha de bheatha a chuir seachad ann am Bun Ilidh. Choinnich iad anns an eaglais ann an Obar Dheathain nuair a bha iad anns an oilthigh agus tha sianar chloinne aca, dithis nighean agus ceathrar bhalach.
Ghuais an teaghlach a Dhùn Dèagh, far an robh iad airson faisg air còig bliadhna. Bha Howard, a bha na bhio-chemist ann an Ospadal Ninewells, airson a dhol a-steach airson na ministrealachd agus chaidh iad a Dhùn Èideann airson leigeil leis sin a dhèanamh.
Ann an 1993, chaidh iad gu Baile Chaisteil, ann an Gallaibh, far a bheil Howard na mhinistear aig an Eaglais Shaor sa bhaile.
Tha Cairistìona air a bhith a' seinn bho 's cuimhne leatha, agus sin le taic is teagaisg bho a pàrantan. Bha a h-athair math air seinn nan sailm ionnsachadh dhaibh agus bha e a' cumail sgoil fhonn. Bha a màthair gan toirt chun a' Mhòid ionadail a h-uile bliadhna, far an robh iad gu math soirbheachail.
'S fìor thoil le Cairistìona a bhith a' seinn ach cha toil leatha idir a bhith a' gabhail pàirt ann an co-fharpaisean. Fhad 's a bha i ann an Dùn Èideann fhuair i cuideachadh dha-rìribh le a cuid seinn bho Mhòrag NicLeòid, a bha aig an àm sin ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba.
Tha Cairistìona a' seinn gu tric aig na cèilidhean timcheall Ghallaibh agus tha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Mhealabhaich.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.