Cairistìona Sheadha

B' i Cairistìona Sheadha nighean le Uilleam Donn Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thàinig Uilleam à Srannd, an ceann a deas Na Hearadh, agus bha a bhean, Mòr, à Miabhaig nam bàgh, air taobh an ear an eilein. Bha an dithis aca nan deagh sheinneadairean.

Bha sianar san teaghlach aig Uilleam Donn, ceathrar nighean agus dithis ghillean. B' i Cairistìona a b' òige agus rugadh i air Latha Naomh Anndrais, 1906. Bha i a' fuireach an dachaigh an teaghlaich am Miabhag gus na phòs i Murchadh Seadha. Bha iad a' fuireach ann am Bun Abhainn Eadarra airson ceithir bliadhna fichead mun do ghluais iad chun an Tairbeairt.

Bha Cairistìona agus a piuthar, an seinneadair Peigi Mhoireasdan, air leth fiosrach mu eachdraidh, mu òrain agus mu dhàin spioradail.

A' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air 08/08/1989, dh'innis Cairistìona mun dualchas a bh' aice:

"Bha m' athair 's mo mhàthar a' seinn. Ach cha robh bàrdachd na mo mhàthair idir, ach bha gu leòr nam athair dheth, 's na mo sheanair, 's ann am bràthraichean m' athar. Bha an t-seinn daonnan timcheall oirnn, 's as a' bhaile cuideachd, aig luaidh 's aig bainnsean 's am broinn nan taighean.

Bha mise a' luadh 's gun mi air an sgoil fhàgail, air a' chleith-luaidh còmhla ri na boireannaich bu shine na mi. 'S bha mi luadh an dèidh sin; bha mi fhìn a' snìomh 's bha mi a dèanamh nan clòitean, gan fighe, 's bha mi ga luadh mar a bha gach nighean eile as a' bhaile an uair sin. Cha robh an còrr obair ann."

Chaidh faighneachd do Chairistìona ciamar a chùm i cuimhne air uibhir a dh'òrain agus laoidhean:

"Chùm a chionn 's cho dèidheil 's a bha mi orra. Agus tha iad mar gum biodh iad ann a' sheo, na mo chuimhne, na mo chridhe, 's na mo cheann, leis a' spèis a bh' againn dhiubh, a chionn bha sinn mar a chanas sibh as a' Bheurla "heart and soul" ann a' seinn 's ann am bàrdachd 's ann an òrain. Bha an dualchas annainn 's bha am baile làn dhiubh agus 's e an cur-seachad bu mhotha a bh' againn. 'S ciamar a-nis nach leanadh iad rinn!"

Mhìnich i cho furasta 's a bha e dhi òran ùr ionnsachadh:

"Nan cluinninn dà uair e aig banais, ged a bhiodh ann de cheathramhan chan eil fhios gu dè, bhiodh e agam a h-uile facal dhe. Bhiodh 's aig mo phiuthar 's aig tòrr a' bharrachd orm."

Bha Cairistìona measail air na dàin spioradail aig Iain Gobha na Hearadh agus tha i a' seinn dhà de na laoidhean aige agus Dùisg Anam Dùisg am measg na laoidhean a tha air a' chèiseig A Chuideachd Mo Ghaoil a dheasaich a bana-charaid Mòrag NicLeòid à Scalpaigh agus a dh'fhoillsich Acair ann an 1980.

Chaochail Cairistìona air 26 Samhain, 1996.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha fiosrachadh mu Chairistìona agus a piuthar Peigi anns an iris aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 41.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.