Rugadh is thogadh Cairistìona Dhòmhnallach, Cairistìona Uilleam a' Ghladstoin, an Adabroc, Nis, ann an dachaigh a bha loma-làn de cheòl, fealla-dhà agus sgeulachdan.
Bhiodh Uilleam, a h-athair, tric a' seinn òrain a bhràthar, Murchadh (Jellicoe), aig cèilidhean air feadh Leòdhais, òrain as an robh aoireadh, spòrs is àbhachdas. Bhiodh e a' seinn òrain bhàird eile na sgìre cuideachd agus taghadh farsaing de na h-òrain Ghàidhlig a bha anns an fhasan aig an àm.
Chaidh Cairistìona do Sgoil Sgiogarstaidh far an d' fhuair i deagh oideachadh airson còig bliadhna bho Chairistìona NicDhòmhnaill (Cairistìona Drogaidh), tidsear iongantach a bha fada air thoiseach air a h-àm agus a thug buaidh mhòr oirre.
Chaidh i do Sgoil MhicNeacail agus à sin do dh'Oilthigh Obar Dheathain far na cheumnaich i ann an Ceiltis agus Beurla.
Phòs i Niseach, Ruairidh Dòmhnallach (Ruairidh a' Chaorain) agus bha iad a' fuireach airson grunn bhliadhnachan an Obar Dheathain far na rugadh an dithis bhalach aca, Iain agus Crìsdean. Ghluais an teaghlach air ais a Leòdhas nuair a fhuair Cairistìona obair mar thidsear ann an Sgoil Phabail. Rinn iad an dachaigh san Rudha far a bheil Cairistìona a' fuireach gus an latha an-diugh. Bha i an sàs ann am foghlam aig diofar ìrean gus na leig i dhith a dreuchd.
Bhàsaich Ruairidh ann an 2003, agus bhon uair sin tha Cairistìona a' cur seachad tòrr ùine còmhla ris an teaghlach agus na h-oghaichean, Maisie an Lunnainn agus Ruairidh an Ranais.
Chuala Cairistìona an t-amhran Thig an Smeòrach as t-Earrach an toiseach air a sheinn le Seonag NicChoinnnich, seinneadair air a bheil mòr mheas aice.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.