
Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Thug i 14 bliadhna ag obair aig Poilis a' Chinn a Tuath mus do ghluais i gu bhith os cionn sheirbheisean òigridh agus follaiseadh aig Comann na Gàidhlig.
Buinidh i do theaghlach a tha ainmeil mar sheinneadairean. Bha a h-athair, Murdaidh Orasaigh, agus a màthair, Ciorstaidh Anna NicIllFhinnein, nan sàr sheinneadairean agus bha gach taobh dhen teaghlach aithnichte airson seinn nan sailm.
Choisinn Cairistìona am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1989. An dèidh sin b' i riochdaire Alba a choisinn a' phrìomh dhuais anns an fharpais Pan-Ceilteach an Èirinn, an aon turas a-riamh a chaidh an fharpais a bhuannachadh le aon ghuth a' seinn gun cheòl-taic.
Tha i air mòran siubhal a dhèanamh an Alba, an Èirinn agus an iomadh ceàrnaidh den Roinn Eòrpa, Astràilia, Canada agus na Stàitean Aonaichte a' riochdachadh a dualchas agus a cànan.
Tha i air trì clàir a dhèanamh agus tha i ri cluinntinn tric air rèidio agus air telebhisean, a' seinn agus a' libhrigeadh phrògraman.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.