Beathag Mhòr

'S e glè bheag de dh'fhiosrachadh a th' againn mun bhana-bhàrd Sgitheanach, Beathag Mhòr.

Bhuineadh i do Chille Mhoire agus a rèir an t-Urr. Dòmhnall Buidse, a thug òraid mu deidhinn do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis ann an 1973, ri linn fhèin, bha daoine ann fhathast dham b' aithne làrach an taighe aice, Tobhta Beathaig, "am fianais Caisteal Dhùn Thuilm agus os cionn Càrn Sgoire, a' coimhead a-mach air a' Chuan Sgìth."

Nuair a bha Beathag òg bha i ag obair mar bhanachaig aig Màrtainnich Dhùn Thuilm agus a' Bhealaich.

Mar a chualas bhon Urr. Buidse air prògram air BBC Radio nan Gàidheal air 29/08/08, "Cha robh i fada an sin, an cùl a' Bhealaich, a' frithealadh do chrodh laoigh agus do chrodh bainne nam Màrtainneach nuair a thuit i fhèin agus Màrtainn Òg, mac Dhòmhnaill Mhàrtainn, ann an gaol ro mhòr, gaol a mhair cho fada 's a bha iad le chèile beo. Is ann mu Mhàrtainn agus mun ghaol a thug i do Mhàrtainn a tha na h-òrain uile a tha air tighinn a-nuas thugainn chun an là an-diugh."

B' e Catrìona Dhùghlas a chruinnich agus a sgrìobh sìos am beagan fiosrachadh a tha againn an-diugh mu Bheathag, a' toirt iomradh air na suidheachaidhean as an deach na h-òrain a dhèanamh. 'S ann air an fhiosrachadh sin a stèidhich an t-Urr. Buidse am prògram.

Tha e follaiseach gu robh Beathag beothail is measail air cuideachd.

Aon turas a rèir coltais bha i fhèin is banachagan eile nan cadal air an àirigh nuair a bhrist an crodh a-mach às a' bhuaile tron oidhche.

"Siud far an robh an ùpraid, siud far an robh an spòrs. Ann am meadhan na h-oidhche, iad uile nan ruith a' cuairteachadh a' chruidh, agus na laoigh òga nan cois, mus dèanadh iad call dhaibh fhèin agus do chuid chàich. Cha do stad an crodh gus an do ràinig iad an cladach, an Lag na Feamainn. Bha an latha geal ann, anns an òg-mhadainn shamhraidh, mun robh an crodh cruinn agus sàbhailte air ais air an àirigh."

Mar a chuir Beathag e:

Tha fonn gun bhith trom
Hùgaibh ò air a' bhanaraich
Tha fonn gun bhith trom.

Bhrist an crodh a' bhuaile
'S an t-suain air a' bhanaraich.

Nuair a chual' i 'n èigheach
Ri lèine chan fhanadh i.

Fhuair mi leisgeul àlainn
Bha dhà 'n Lag na Feamainn dhiubh.

'S a Mhàrtainn duinn an Dùine
Gun siùbhlainn air m' aineol leat.

Cha sgrìobh mi is cha leugh mi
'S gur fheudar dhuinn dealachadh.

Chionn 's nach b' ann de na h-uaislean a bha Beathag, cha leigeadh athair le Màrtainn Òg a pòsadh, fiù 's nuair a rugadh mac dhaibh.

Chaidh i a thadhal air cuideachd Mhàrtainn turas ach cha b' e fàilte ro bhlàth a fhuair i bho Dhòmhnall Màrtainn, mar tha i ag innse ann an òran a tha i a' seinn do a mac.

Gur e mo ghaol am fireannach thug gini air an fhàinne
Gur e mo ghaol am fireannach thug gini air an fhàinne
Gur e mo ghaol am fireannach thug gini air an fhàinne
Thug gini air, thug gini air, thug gini air, 's a phàigh e.

An cuala tusa, ghaoil, an-diugh, gun ghabhadh air do mhàthair?
An cuala tusa, ghaoil, an-diugh, gun ghabhadh air do mhàthair?
An cuala tusa ghaoil, an-diugh, gun ghabhadh air do mhàthair?
Air mo chuipigeadh le cuip nan each, an doras Dhòmhnaill Mhàrtainn.

Bha An Cùl Bachallach, òran a rinn Beathag an dèidh seirbheis nam Màrtainneach fhàgail, tric air a sheinn air luaidh an Tròndairnis agus mhìnich an t-Urr. Buidse an t-ainm.

"Bha e na fhasan anns an latha ud do na fir a bhith a' cleachdadh am falt a chaitheamh na chuailean fada sìos thar an guaillean. Agus cha robh fireannach anns an dùthaich ann an sùilean Beathaig, cho maiseach agus cho eireachdail ri Màrtainn Òg. Bha falt Mhàrtainn, an cùl bachallach, òr-bhuidhe, cuachach, caiseanach agus is iomadh latha a chum i sùil a-mach air an doras, an dòchas gun tigeadh fear a gràidh an rathad a bha i."

A rèir coltais bha naidheachd air a dhol timcheall gu robh Màrtainn a' dol a phòsadh, ged nach do phòs e riamh. Dh'fhàg e an t-Eilean Sgitheanach.

"A rèir coslas, a rèir eachdraidh, agus a rèir sloinneadh Chloinn 'ic Mhàrtainn, bha Màrtainn an dèidh seo na dhuine foghlamaichte agus ainmeil. Chan e sin a-mhàin ach tha e ainmeil is aithnichte chun an là an-diugh. Is e Màrtainn, mac Dhòmhnaill a' Bhealaich, a sgrìobh leabhar a tha cho ainmeil ri leabhar a chaidh a sgrìobhadh a-riamh mu na h-Eileanan an Iar. Is gann a tha sgeilp leabhraichean is fhiach an t-saothair ann an Alba no ann an Sasainn air nach faighear an leabhar seo. Is e an leabhar sin, Martin Martin's A Description of the Western Isles of Scotland."

Chaochail Màrtainn ann an Lunnainn.

A rèir an aithris phòs Beathag Iain Dubh, mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill, agus chaidh a mac òg a thogail le na Màrtainnich. Ach chan e sin buileach deireadh na sgeòil.

"Ùine an dèidh dhi Iain Dubh a phòsadh thàinig soitheach cogaidh a-staigh gu Loch Ùige an Eilein Sgitheanaich agus rinneadh fèis dannsa no bàl airson luchd a' bhàta agus airson muinntir na dùthcha.

Mar bu dual dhi, a dh'ionnsaigh na bàl chaidh Beathag. Am feadh 's a bha i a' dannsa cuide ri maraiche òg, agus i fèin agus a' fear-pàirt a' dol timcheall ann a' ruidhle, 's ann a thuig i, gun fhiosda dha-san, cò bha seo ach a mac fhèin agus mac Mhàrtainn, dithis ris na dhealaich i agus nach fhaca i bho chionn iomadh bliadhna air ais.

Ghluais an nì a bh' ann spiorad na bàrdachd, spiorad a' chiùil. Dh'fhàs spiorad Beathaig blàth agus aighearach. Thug e air ais na cuimhne làithean aoibhneach a h-òige agus rinn i, anns an t-suidheachadh sin, am port agus an t-òran ris an canar 'Ruidhle Beathaig'."

Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca.

Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca
Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca
Na ribinean 's na teafanan a' ruith air feadh mo phòca
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh.

Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Nuair a bha mi 'n cùl a' Bhealaich, b' aigeannach mo lòn dhomh
Ged tha mi 'n-diugh aig Iain Dubh, mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.