
Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à Scalpaigh, agus Maighread Flòraidh Chaimbeul, a rugadh ann an Plòcrabal anns na Bàigh. (Bha i air a h-ainmeachadh air a màthair, Flòraidh Mhurchaidh, a chionn 's gun do chaochail a h-athair, Murchadh Aonghais an t-Siorraim, nuair a bha i fhèin 's a dithis bhràithrean nam pàistean. B' ann à Scalpaigh a bha Flòraidh o thùs, agus thill i a dh'fhuireach a Scalpaigh nuair a chaill i 'n duine.)
'S e Aonghas fhèin a chuir Caimbeul na ainm treis às dèidh dha am Bonn Òr fhaighinn. 'S e ainm bràthair a mhàthar a th' air, 's bha e airson sin a chomharrachadh, tha fhios.
Chaidh Aonghas do sgoil Scalpaigh gus an robh e còig bliadhn' deug. Dh'fhalbh e an uair sin a dh'Inbhir Nis, far an do chuir e a-steach a thìde na shaor.
Thug e a ghuth làidir seinn o chuideachd athair. Bha guth sònraichte, tha e coltach, aig a sheanmhair o thaobh a mhàthar, agus bha guth brèagha aig a mhàthar cuideachd. Bha ùidh mhòr aig a' mhaighstir-sgoile, Seumas Mac an Tòisich, a thàinig a Scalpaigh gun fhacal Gàidhlig aige, ann an ceòl, 's bhiodh e a' cluich na fìdhle.
Nuair a chaidh e a dh'Inbhir Nis bhiodh Aonghas a' seinn aig cèilidhean, agus chaidh e a-steach airson a' Mhòd ann an Inbhir Nis ann an 1949.
B' e Iain MacSuain à Scalpaigh a rinn a' chùis an turas sin, ach fhuair Aonghas am Bonn Òr ann an Dun Omhainn ann an 1950. Bha fèill mhòr air aig cuirmean 's aig cèilidhean air feadh na dùthcha an uair sin.
'S ann mun àm sin, toiseach nan lethcheudan, a chaidh e treiseag a dh'Obar Dheathain, agus dh'obraich e airson faighinn a-steach do cholaiste gus teisteanas fhaighinn ann an einnseanaireachd. Fhuair e sin, agus chaidh e gu Oilthigh Herriot Watt, far na cheumnaich e ann an 1955. Fhad 's a bha e ann an Obar Dheathain, chaidh e còmhla ri luchd-ciùil 's ri dannsairean do Quimper anns a' Bhreatainn Bhig, agus bhiodh e seinn phort dha na dannsairean.
Choinnich e ri Maighread Fhriseal à Bearsden, aig cuirmean aig am biodh ise i fhèin a' seinn. Aig na cuirmean mòra bliadhnail a bhiodh aig leithid Comann Leòdhais is na Hearadh agus Comann Uibhist is Bharraigh ann an Glaschu, bhiodh an-còmhnaidh aon seinneadair "Albannach" aca, agus bha Maighread aca glè thric. Bha i cuideachd ann am buidheann air an robh na Saltire Singers, 's bhiodh i fhèin agus Aonghas glè thric air an aon àrd-ùrlar an lùib sin.
Ach 's ann ann an Lunnainn, aig dà chuirm, tè anns an t-Samhain is tè eile airson Oidhche Burns eadar 1957 agus 1958 a chuir iad eòlas ceart air a chèile. Phòs iad anns an Lùnasdal, 1958.
Bha Aonghas an uair sin a' fuireach ann an Eilginn, ag obair aig Crowley Russell. Dhealbh e, agus stiùir e an luchd-obrach a thog drochaid tarsainn Abhainn Lòsaidh. 'S e drochaid cloiche a th' innte, agus bha e còrdadh ris gu mòr a bhith a' gabhail ealla ri sgilean nan clachairean.
Chaidh an teaghlach an uair sin a dh'fhuireach an Inbhir Nis mu mheadhan nan trì-ficheadan, agus bha trì cùmhnantan-obrach aig Aonghas o Chrowley-Russell: an rathad à Sconnsair a Shligeachan, cidhe ann an Caol Loch-Aillse, agus rathad ùr a dh'Ulapul. Gu mì-fhortanach bhrist air a' chompanaidh, agus gun rabhadh sam bith, bha Aonghas gun obair.
Ghluais iad a Bhishopbriggs, agus bha caochladh obraichean aige do Shiorrachd Lannraig. 'S e sin a bha e ris nuair a chaochail e ann an tubaist rathaid anns an t-Sultain 1973.
Bha triùir chloinne aca, Christine a tha a' fuireach an Arainn, Coinneach agus Billy a tha le chèile ann an Lunnainn.
Rinn Aonghas dà chlàr goirid (EP) agus LP, A Night with Angus, do Mhurchadh Fearghasdan aig Gaelfonn. Aon uair agus e a' coimhead air ais air na h-oidhcheannan mòra ann an Talla Naomh Anndrais, ann an Glaschu, thuirt am bàrd Hearach Murchadh Moireasdan, nach maireann, a sgrìobh, am measg òrain eile, A Nighneag a' Ghràidh, gur e oidhche le Aonghas air an àrd-ùrlar san talla ainmeil seo a b' fheàrr a chòrd ris riamh.
"Cha leigeadh iad e far an àrd-ùrlar. Sheinn e ochd òrain, fear às dèidh fear. Bha chridhe, 's a' chànan, 's a' chuimhne cho aontaichte anns a h-uile òran a sheinneadh e. Shaoileadh tu gun robh thu dìreach ann am brògan a' bhàird a rinn an t-òran"
Bha guth làidir, cumhachdach, sgairteil aig Aonghas agus cha robh mòran feum aige air microphone, agus glè thric 's ann a chitheadh tu e a' seinn air an àrd-ùrlar thall ri taobh an neach-taice air a' phiàna. Bha na sgamhanan aige cho làidir agus bha e cho tapaidh 's gun robh an t-Ollamh Iain Mac Aonghais ag ràdh, "Dh'fhaodadh tu "Scottische" a dhèanamh air an stamaig aige".
Tha sinn gu mòr an comain piuthar Aonghais, Morag NicLeòid, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.