Aonghas MacIllFhaolain (Ceap Breatainn)

Rugadh Aonghas MacIllFhaolain ann am Paraiste Naoimh Eòis ann am Màrgaraidh an Iar-dheas air Eilean Cheap Breatainn. Chan eil fios cinnteach ann gu dè a' bhliadhna a rugadh e, ach bhathas ga shloinneadh mar Aonghas Iain mac Iain 'ic Caluim agus b' ann à Mòrar a bha a sheanair.

Ann an làithean òige bha e ri tuathanachas agus obair fearainn, ach fad ùine 's e a bha a' cumail an taigh-sholais air Eilean Mhàrgaraidh.

Gheibh sinn sealladh air fhèin agus beachd air a chuid òrain ann an 'Òran do dh'Fhear an Taigh-sholais' a sgrìobh bàrd eile, am maighstir-sgoile 's am marsanta, Dòmhnall MacPhàrlain, dha:

Soraidh bhuamsa le deagh bhrìgh
Null do dh'Eilean beag Mhàrgaraidh
Àite tàmhachd fir mo chridh'
Aig a bheil an inntinn aighearach.

On tha theisteanas glè àrd
Thagh an Riaghaltas e thar chàich
Thug gach aon da cridhe blàth
Oir cha robh nàmhaid aige-san.

Nuair bhios soithichean a' chuain
Oidhche dhorch an èiginn chruaidh
Togaidh Aonghas solas suas
A dh'fhògras gruaim a' mharaiche.

Cha bhi meang no èis na dhreuchd
Cha bhi fàillinn bheag na ghnìomh
Gnothach ceart, 's e sin a mhiann
'S chan e bhith 'g iarraidh fathamais.

Fhuair mi òrain bhuaidh tha grinn
Òrain fhonnmhor, cheòlmhor, bhinn,
Cuid dhiubh mu na "Cnuic 's na Glinn"
Is gu bheil inntinn fhathast annt'.

Air an deilbh le dreach is loinn
Tha chuid òran còrdadh rinn
Tha iad mùirneach le luchd seinn
Is faighneachd aig gach banais orr'.

Bhon a chaidh e thar a' Chaoil
Gu bheil ionndrainn air an laoch
Tric a chuir e bròn gu taobh
'S a chuir e faoin air smalanachd.

Agus anns an fhreagairt a thug Aonghas do Dhòmhnall MacPhàrlain airson an òrain molaidh seo tha e follaiseach gu robh e na dhuine socharach cuideachd:

Rinn thu luaidh air àird mo chliù
Seinn mum mheas, mum chiall, 's mum thùr
Ach tha teagamh ann co-dhiù
Gun ruig do bhiùthas fhathast orm.

Ionndrainn air an laoch, mas fhìor
Cò a chual' a leithid riamh!
'S ann thug daoine taing do Dhia
Nuair thriall e às an sealladh-san.

Tha còig de dh'òrain Aonghais anns an leabhar Smeòrach nan Cnoc 's nan Gleann, air a dheasachadh le Bernard Gillis agus An t-Oll. P. J. MacNeacail ann an Antigonish an Alba Nuadh. Chaidh fhoillseachadh an Glaschu sa bhliadhna 1939.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.