
*Anns an dealbh (clì gu deas) chithear Art MacÌomhair, Aonghas MacLeòid à Scalpaigh agus Aonghas MacÌomhair
'S e Aonghas Aonghais a' Phadaidh a rugadh aig 34 Breascleit, Leòdhas a b' athair do Aonghas agus Artair MacÌomhair. Chanadh iad Mùsgaidh ris agus dh'ionnsaich e a dhreuchd mar bhèiceir bho fhear, Siosalach, a bhuineadh do Thòbsan ann am Beàrnaraigh Leòdhais. Bha bùth bèicearachd aig an t-Siosalach air Sràid Chromwell, ann an Steòrnabhagh.
An ceann ùine thòisich Aonghas e fhèin bùth ceannaiche, ach cha do shoirbhich leis agus thàinig air fhèin agus an teaghlach Leòdhas fhàgail airson obair a shireadh.
B' i Cairistìona Chaluim Aonghais Chaluim à Tòbsan am màthair. Bha i sònraichte math air fuaigheal agus bha i a' ruith bùth gu soirbheachail ann an Steòrnabhagh airson greis.
An dèidh Leòdhas fhàgail chaidh an teaghlach an toiseach gu Manchester agus às an sin gu Glaschu, far an robh Aonghas (Mùsgaidh) a' draibheadh tramaichean airson beagan bhliadhnaichean. Fhuair e obair aig City Bakeries an uair sin. Aig àm an General Strike, ann an 1926, thug e a thaic do na h-aonaidhean agus an dèidh sin cha ghabhadh bùth-bèicearachd sam bith gnothaich ris.
Bha an teaghlach ann am bochdainn mhòr aig an àm sin. Bha iad a' fuireach ann a' sgìre Maryhill agus mu dheireadh aig 6 Lothian Gardens.
Bha ochdnar de theaghlach ann, Aonghas, Ailig, Murchadh, Artair agus Dòmhnall. Chaochail Artair, eile, na leanabh. Bha dithis nighean san teaghlach, Criosaidh, agus Cairistìona Màiri, a chaochail na leanaibh.
Rugadh Aonghas ann an Leòdhas ann a 1905 agus b' esan bu shine dhan teaghlach ach 's ann ann an Glaschu a rugadh Artair, air an t-siathamh latha fichead den Dùbhlachd, 1911.
Chaidh an dithis bhràithrean do Sgoil North Kelvinside. An dèidh na sgoile fhàgail choisinn Aonghas teisteanas neach-teagaisg agus chaidh Artair a dh'Oilthigh Ghlaschu.
Bha Aonghas a' teagaisg an ann an Sràid Washington, faisg air meadhan a' bhaile, agus bha a thurasdail na thaice mhòr dhan teaghlach an àm cruadail. Bha e cuideachd na cheannard air Bun-sgoil Hillhead.
Sgrìobh e na leabhraichean gràmar Beurla "First Aid in English" air a bheil luach mhòr air a chur air feadh an t-saoghail, fiu 's chun an latha an-diugh.
Cha b' e a-mhàin a theaghlach fhèin a chuidich e leis a' bheartas a thàinig na rathad. Bha e a' cumail taice ri seann daoine ann am Beàrnaraigh aig àm Nollaig gus an do chaochail e.
Bha Aonghas pòsta aig Flòraidh Nic Ille Mhaoil à Port Sgioba ann an Ìle, agus bha iad a' fuireach aig 44 Sràid Airlie, ann a' Hyndland. Cha robh teaghlach aca.
Chaochail e ann a 1958, an dèidh grèim-cridhe a ghabhail agus tha e fhèin agus a bhean, Flòraidh, air an tiodhlacadh ann an Cladh Chille Chomain, ann an Ìle.
Cheumnaich Artair le M.A. bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1932 agus fhuair e teisteanas neach-teagaisg ann an Colaiste Obar Dheathain a bhliadhna an dèidh sin. Bha e a' teagaisg ann am Bun-sgoil Possilpark mus do thòisich an Cogadh.
Chaidh e dhan Nèibhi nuair a thòisich an Cogadh agus bha e na Leading Coder (Signals) suas gu 1942 agus an dèidh sin bha e air na convoys Ruiseanach.
Chaidh e air ais do Sgoil Possilpark airson ùine ghoirid an dèidh a' chogaidh agus ann a 1946 phòs e Catrìona NicLeòid, à Borgh an Eilein Sgitheanaich agus tha ise beò fhathast.
Bha dithis chloinne aca, Fiona, a bha na neach-teagaisg an toiseach agus an dèidh sin ag obair do dh'Oilthigh Srath Chuaidh. Tha ise an-duigh a' fuireach air taobh a deas Ghlaschu. 'S e fear-lagha a bh' ann an Aonghas agus tha esan air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach anns na Stàitean Aonaichte.
Bha Artair airson deich bliadhna ann an Àrd-sgoil Ghlaschu, suas gu 1956, agus bha e na iar-cheannard air Sgoil Overnewton agus Sgoil Copeland Road an dèidh sin. Bha e na cheannard air Bun-sgoil Quarrybrae agus mu dheireadh Bun-sgoil McGill.
Bhiodh Artair a' sgrìobhadh na "Glasgow Notes" ann an Gaseat Steòrnabhaigh airson iomadach bliadhna agus bha e na Cheann-Suidhe air Aitreabh nan Gàidheal.
Bha Aonghas na Cheann-Suidhe air Comann Leòdhas agus na Hearadh Ghlaschu bho 1950 gu 1954 agus a rithist airson bliadhna ann a 1957. Bha Artair na Cheann-Suidhe bho 1964 gu 1967.
'S ann ron chogadh agus na dhèidh bu mhotha a bha cliù aca air àrd-ùrlar. Bha iad a' sgrìobhadh òrain agus gan seinn aig cèilidhean air feadh Alba. Chuidich cuid den airgid bho na cèilidhean sin rathad a thogail gu baile Bhòsta, ann am Beàrnaraigh.
Bhiodh iad a' seinn ann am Beurla cho math ri Gàidhlig agus bha comas aig Artair air a' phiàna. Bha iad làn spòrs agus dibhearsain agus bha cèilidhean gu tric anns na dachaighean aca air Sràidean Airlie is Lothian.
Chaochail Artair, dìreach mar a shiubhal a bhràthair Aonghas, an dèidh grèim-cridhe a ghabhail air an t-sràid, air a' chòigeamh latha deug den Ògmhìos, 1981, ceithir bliadhna an dèidh a dhreuchd a leigeil dheth.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.