Aonghas Greumach (Aonghas Mòr, Diùc Mhontròis)

B' e Aonghas Mòr a chanadh na Gaidheil ri Seumas Aonghas Greumach, an seachdamh Diùc Mhontròis, a rugadh air 2 Cèitean 1907. Chaidh fhoghlam ann an Eton agus ann an Oxford ach dh'ionnsaich e Gàidhlig aig aois glè òg.

Bha Cairistìona NicDhòmhnaill, a' bhana-bhàrd agus màthair an t-seinneadair Donaidh 'Large' Dòmhnallach, ag obair dhan teaghlach as an dachaigh aca ann an Druiminn, a' coimhead às dèidh an dithis chloinne, Fiona agus Seumas Aonghas, agus ag ionnsachadh Gàidhlig dhaibh.

Mar a mhìnich i fhèin air BBC Radio nan Gàidheal air 30/06/1978:

"Bha ùidh aig am pàrantan ann an Gàidhlig agus tha mi creidsinn gun do chuidich iad mise airson an tuilleadh ùidh a ghabhail as a' Ghàidhlig mi fhìn."

Thug i suas ri trì bliadhna còmhla riutha agus, tro mhìosan an t-samhraidh gach bliadhna, bhiodh i a' dol còmhla ris an teaghlach chun an dachaigh eile a bh' aca, Caisteal Bhreadhaig air Eilean Arainn.

Bho bha e na oileanach, bha ùidh aig an Diùc ann am poilitigs. Bha tuathanachas aige ann an Rhodesia agus bha e na bhall-pàrlamaid an sin nuair a thàinig sgaradh sa Chaidreachas a bha aig Rhodesia agus Nyasaland. Nuair a ghairm Rhodesia saorsa air 11 Samhain 1965, bha Montròs am measg nan ainmean a bha ris a' phàipeir.

Ann an Riaghaltas Iain Mhic a' Ghobhainn bha obraichean aige mar Mhinistear an Àiteachais agus, mu dheireadh, mar Mhinistear an Dìon.

Nuair a chaidh e fhèin agus Mac a' Ghobhainn a-mach air a chèile mu na còmhraidhean a bha eadar Riaghaltas Afraga a Deas agus Rhodesia a thaobh seasamh nan daoine dubha ann a' Rhodesia, leig e dheth a dhreuchd agus ghluais an teaghlach gu Afraga a Deas ann an 1979.

Tha sealladh air an Diùc ri fhaighinn ann an litir a sgrìobh Donnchadh MacDhunlèibhe à Pretoria chun an iris, Gairm, air 12/09/1959. Tha e ag ràdh:

"Ghlèidhear an t-Aonach Rìoghail Albannach an Johannesburg o chionn seachdain agus dh'fhosglar e le Diùc Mhontròis. Cha robh mi an làthair, cha robh e am chomas.

Ach air feasgar na Dòmhnach ghlèidhear cuirm fhàilteachaidh dha fhèin is do a chèile agus thàinig teachdairean thugam-sa agus shlaodar leotha mi, a dheòin no a dh'aindeoin, a chionn bha mi comasach air labhairt Gàidhlig, air am bheil an Diùc cho dèidheil, agus air nach eil aon de bhuill nan Comunn Caladonach comasach.

Ach cha robh mi buileach gun choimpire; bha Iain Dòmhnallach à Bulawayo an làthair, deagh Leòdhasach.

Tha Aonghas Mòr i.e. An Diùc, cho deas agus cho fileanta an Gàidhlig riumsa agus ri Iain Dòmhnallach, agus, m' anam a Dhia (mar a their muinntir Ghlinne Comhann), ghoid sinn a' chuirm.

Tha làn a' chlaiginn de na h-òrain mhòra aig Aonghas Mòr, agus tha e math air an seinn, agus chuala a' chuideachd barrachd Gàidhlig is a chuala iad riamh roimhe. Gu dearbh, cha robh iad ach nan coitheanal dhuinn.

Chan ann Gàidhealach a tha a' Bhan-diùc. Is e Semple is sloinneadh dhith. Ach bha a' sinnsir air an taobh cheart am bliadhna Theàrlaich agus aig Cùil Lodair.

Rugadh i an Kenya ach seinnidh i an Gàidhlig ged nach tèid aice air mòran conaltraidh a dhèanamh."

Bha Aonghas Mòr pòsta dà thuras, an toiseach aig Isobel Sellar, agus an uair sin aig Susan Semple. Thill iad a dh'Alba aig a' cheann thall agus, nuair a dh'eug e air 10 Gearran, 1992, chaidh a thiodhlacadh ann an cladh an teaghlaich faisg air Loch Laomainn.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.