Bha Aonghas Caimbeul, Aonghas Mac Dhòmhnaill 'ic Eòghainn, no Am Bàrd Sgallach, beò uaireigin as an dara leth dhen t-seachdamh linn deug is mu thoiseach an ochdamh linn deug. B' e tàilleir a bh' ann, a bhiodh tric a' frithealadh air uaislean Uibhist agus air na Dòmhnallaich, gu h-àraidh de mhuinntir Bheinn na Fadhla. Bha e ainmeil na latha airson cho sgaiteach sa bha e, daonnan a' cluiche cleasan air daoine eile agus a' tarraing asta.
Rinn e Marbhrann do dh'Fhear Àirigh Mhuilinn an dèidh do fhear a bhith air a bhàthadh ann an tubaist ann an Loch Aoineart mun Fhaoilleach 1809.
B' e Fear Àirigh Mhuilinn a chante ris a' Chaiptean Aonghas Òg Dòmhnallach, mac le bràthair Flòraidh NicDhòmhnaill a chuidich am Prionnsa Teàrlach nuair a bha e fon choill an dèidh Blàr Chùil Lodair.
A rèir na sgeòil bha triùir ghillean còmhla ris ann an sgoth agus iad a' dol le luchd mhòr ceilp gu bàta-ceilpe a bha aig acair san loch. Bha an t-sìde bagarrach agus ged a dh'iarr Aonghas Òg air a chompanaich pàirt dhen cheilp a thilgeil thairis air a cliathaich, dhiùlt iad sin a dhèanamh. Aig a' cheann thall chaidh an sgoth fodha.
B' e snàmhaiche làidir a bh' ann an Aonghas is thug e na ràimh do a chompanaich mar tha am bàrd ag innse:
Thug thu ràimh do na gillean,
Cha robh tuilleadh a dhìth ort;
Bha thu 'n dùil mar a b' àbhaist
Gun robh do shnàmh mar an fhaoileag;
Gun robh do shnàmh mar an eala,
A dh'fhalbhadh aigeannach, aotrom;
Pearsa dhìreach, dheas, dhealbhach,
'S bochd a dh'fhalbh thu gun aois uainn.
Thòisich Aonghas ri snàmh chun na tìr ach chionns gu robh e am beachd a dhol a shealg an dèidh faighinn cuidhteas an luchd ceilp, bha grunn choin san sgòth cuideachd. Ghabh iad sin greim air am maighstir airson a tharraing gu sàbhailteachd ach 's ann a rinn seo a shuidheachadh na bu mhiosa agus chaidh a bhàthadh.
Dh'fhàg Am Bàrd Sgallach sealladh againn air dachaigh Aonghais Òig Àirigh Mhuilinn ann an òran eile:
Gheibhte siud am beul feasgair
Ann ad fhàrdaich-sa beadradh is mùirn;
Bùird mhòra gan leagadh
Is an àirneis bu deis os an cionn;
Bhiodh na deochanna brasa
Gam brosnacha seachad air thùs,
Anns na cupanna breaca
Is fir òga gan aiseag gu dlùth.
Gheibhte siud ann ad fhàrdaich
Ceòl fìdhl' agus dàna cur leis;
Taigh nan uinneagan clàraidh
Far am faigheadh na h-àraidhean meas.
Dhòmhsa b'fhurasta ràdhtainn
Gum b'e siud mo cheòl-gàire car greis,
Cha biodh cuideachd mar dhàimh ort
Bhiodh tu fhèin nad cheòl-gàire nam measg.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.