B' e Anna NicIain tè den cheathrar nigheanan a bha aig Aonghas Chaluim agus Catriona Aonghais 'ic Dhòmhnaill Mhòir. Bha triùir bhràithrean aice cuideachd.
Chuir Anna seachad a' mhòr-chuid de beatha a' teagasg ann am Barraigh.
Bha i gu h-àraidh fiosrachail mu òrain luaidh agus òrain chloinne, agus bha mòran naidheachdan beaga aice a bhiodh i ag innse. Thog i mòran de na h-òrain a bh' aice bho a màthair agus bho dhithis nàbaidhean anns a' Ghleann am Barraigh, Ealasaid agus Peigi Eachainn 'ill Easbaig.
'S iomadh duine a thàinig a Bharraigh a chruinneachadh beul-aithris don tug Anna cuideachadh, mar a mhìnich Iain Latharna Caimbeul ann an Tocher 13:
"Anna NicIain published little on her own account; her great contribution to Gaelic folklore research was the help that she gave to others. And this was the indispensible kind of help that only the resident educated person with first-hand local knowledge can give, and without which visiting folklore collectors, especially those ignorant of the local language, would be almost completely helpless."
Thug Anna NicIain taic mar eisimpleir do luchd-obrach Sgoil Eòlais na h-Alba, agus do Cholm O Lochlainn a chruinnich na h-òrain Bharrach a th' anns an leabhar Deoch Slàinte nan Gillean.
Agus mar a dh'innis i fhèin ann an Gairm 21 (Foghar 1957), bha i mar mheadhan air Marsaili Ceanadach Fhriseal a chuir an lùib cuid de na seinneadairean a b' fheàrr a bh' ann am Barraigh:
"Thàinig mi dhachaigh às an sgoil air latha bog, ciùin, ceòthar, Earraich anns a' bhliadhna 1908 agus, a' tarraing dlùth air an taigh, chuala mi guth nach do dh'aithnich mi ann an seanchas ri mo mhàthair, is nuair a chaidh mi a-steach bha a' bhean-uasal seo na suidhe ri taobh an teine còmhla ri mo mhàthair, iad ag òl teatha, agus a rèir choltais iad làn riaraichte le chèile. B' e seo Marsaili nan Òran, boireannach aoibheil, dreachmhor, coibhneil, càirdeil.
Dh'innis i dhomh fàth a turais, agus b' e sin gu robh i ag iarraidh mo chuideachadh airson faclan òrain Ghàidhlig nach robh riamh an clò a sgrìobhadh o bheul nan seinneadairean fad 's a bha i fhèin a' togail nam fonn air seòrsa de inneil annasaich air an robh gramophone aice.
A-nis, ged a bha òrain gu leòr den t-seòrsa seo aig muinntir a' bhaile againne, bha barail agamsa gur e turas dìomhain a bha seo aig a' mhnaoi-uasail, a thaobh 's gu robh mnathan a' bhaile uile gu lèir cho diùid is nach togadh iad an guth an làthair coigrich.
Ach bha seo mun do chuir mi eòlas air Marsaili, is mun do thuig mi cho urralach 's a bha i airson na bha dhìth oirre fhaotainn, agus mar a thuirt aon de na mnathan còire a bha an làthair an oidhche ud "Bu dùrr a' bhò nach toireadh a bainne dhi."
Bha mnathan a' bhaile trang ri cur buntàta aig an àm, ach nuair a thàinig ciaradh air an fheasgar chruinnich mise còmhlan beag de na seinneadairean a b' fheàrr a bha faisg oirnn, agus thàinig Marsaili agus am bocsa-ciùil dhachaigh agus thoisich an cèilidh.
Sgrìobh mise na faclan aig còrr is fichead òran an oidhche sin."
Chan eil Anna leisg ann a bhith ag aideachadh gun tug Marsaili nan Òran buaidh oirre:
"Cha robh mòran fiosrachaidh agamsa air ceòl no innealan-ciùil aig an àm ud. Bhiodh m' athair a' cluich na pìoba agus bha e fhèin agus mo mhàthair dèidheil air mith-òrain an eilein. Ach bha spèis air leth agamsa anns na h-òrain Ghàidhlig a bha cheana anns na leabhraichean. B' e iad seo, nam bheachd-sa, na h-òrain a b' fhiach an ionnsachadh, gu sònraichte òrain Mhic Mhaighstir Alasdair agus Dhonnchaidh Bhàin.
Ach ag èisteachd ri Marsaili nan Òran agus ri a piuthar, Mairead, agus ris na ceòladairean eile a bhiodh gu tric gan tathaich, dh'fhosgail m' inntinn agus mo chluasan ri àilleachd nam mith-òrain air an robh mi eòlach fad mo bheatha. Thuig mi nach robh agam ach fios gun fhios orra thuige seo, agus gu robh ionmhas annta de bhàrdachd agus de cheòl a bha luachmhor."
Nuair a chaochail Anna sgrìobh 'Fear Chanaigh' ann an Gairm 43 (Samhradh 1963)
"'S i bean uasal air leth a bh' innte. Faodar a ràdh gu h-iomadach seann òran brèagha a bhiodh air a dhol air dhìochuimhne mur a b' e Anna NicIain: chan e na h-òrain aice fhèin a-mhàin ach seann òrain an t-saoghail mhòir a bhiodh aig na cailleachan Barrach a bha fuireach ann an ceann a deas an eilein air fad. Iomadach tè dhiubh sin a bhiodh air bheagan Beurla agus mar sin car diùid gu dol air bheulaibh maicreafon nan daoine foghlaimte a thigeadh mun cuairt, bhiodh Anna ga brosnachadh 's ga cumail air a dòigh agus mar sin chaidh mòran rudan a shàbhaladh nach rachadh a shàbhaladh idir mur b' e Anna."
Bha i fhèin làn de dh'òrain neo-chumanta, 's de naidheachdan, agus bha dòigh aice air an cur a-mach a bha anabarrach."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.