Anna NicÀidh

Chante 'Òran Bean Dhòmhnaill Sheumais' ris an t-òran Ille Dhuinn on Dh'fhàg Thu Mise an Uibhist, agus b' ise Anna NicLeòid às a' Bhuaile Dhubh anns an Ìochdar. Bhuineadh i do theaghlach ris an cante Clann Phàdraig agus bha iad iomraiteach a thaobh ciùil.

Phòs Anna Dòmhnall Seumas MacÀidh. B' ann à Càrnan an Ìochdair a bha an teaghlach aigesan, Clann Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Dhòmhnaill Òig. Nuair a phòs Dòmhnall agus Anna ghluais iad gu Gèirinis.

Rinn Anna an t-òran nuair a dh'fhalbh a mac, Dòmhnall, air a' Mhetagama agus tha fhios gu robh i a' smaointinn nach fhaiceadh i e a chaoidh tuilleadh. Tha i a' cur am briathran na smaointinn a bh' aice, na h-aon smaointean 's a bha aig mòran eile aig an àm.

Nuair a tha i ag ainmeachadh gu robh e a' seinn "duanag ghrinn", tha e coltach gur e seo òran air an robh Young Munro a bha measail aig daoine aig an àm:

Young Munro, bidh Charlie agams',
Young Munro, I do love you!
Young Munro, bidh Charlie agams',
Handsome Charlie, young Munro.

Nuair a dh'ionnsaich Catrìona Garbutt an t-òran an toiseach bha ceathramhan am measg a chèile agus ceathramhan a dhìth.

"Thug mi leam na bh' agam dhe gu tè gum biodh mòran dhaoine a' dol airson fiosrachadh mu òrain, Ceit Dhonnchaidh Chlachair, piuthar don bhàrd Dòmhnall Iain Dhonnchaidh. Chuir ise air dòigh dhomh e. "Fhalbh a-nis" ars ise "gu Màiri Dhòmhnaill Sheumais - sin Màiri a tha air a h-ainmeachadh as an òran. Gabh an t-òran dhi feuch a bheil e ceart agad." Agus rinn mise sin."

Dh'ionnsaich Catrìona Garbutt an t-òran seo do ghrunn sheinneadairean, nam measg Mairead NicIllFhialain, a sheinn e ann am farpais seann nòs aig a' Mhòd Nàiseanta.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.