Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio agus clàr; ann an tallachan, an taighean-cluiche agus cabaret; aig co-labhairtean, fèisean, agus sgoiltean-samhraidh ann an Alba agus thall-thairis.

Tha i air pàirt a ghabhail ann an sreathan gun àireamh de phrògraman telebhisean, an dà chuid ann an Alba agus air feadh Bhreatainn bho 'S e Ur Beatha anns na Siathadan gu Dà Chànain, Aon Chridhe agus Tuath-cheòl bho chionn ghoirid.

Tha Anna air a bhith ag ionnsachadh òrain Ghàidhlig fad a beatha. Thòisich i a' dol dhan Mhòd nuair a bha i sa Bhun-sgoil san Òban. Fhuair i eòlas air òrain à beul-aithris ann an Àrd-sgoil an Òbain, bho cheannard na sgoile, Iain MacIllEathain à Ratharsair, a thug dhi òrain mar 'Cairistìona', 'Ailein Duinn a Nì 's a Nàire', Òran Mòr Sgorrabreac, A Mhic Iain 'ic Sheumais, agus Mo Rùn Geal Òg – am fear a ghabh i mar a roghainn fhèin nuair a choisinn i Bonn Òir a' Chomuinn aig aois seachd bliadhna deug.

Cheumnaich i bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1965 (Ceiltis agus Beurla). Bha An t-Urramach Uilleam MacMhathain na Òraidiche Ceiltis aig an àm agus thug esan dhi iomadach òran.

Dh'fhuirich Anna ann an Dùn Èideann airson bliadhna eile, gu cùrsa for-cheum a ghabhail ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, mus deachaidh i sìos a Lunnainn airson trèanadh clasaigeach fhaighinn dhan ghuth aice.

Ann an 1967 fhuair i LRAM bhon Acadamaidh Rìoghail, agus teisteanas teagasg (PGCE) bho Oilthigh Lunnainn. Fhuair i obair ann an àrd-sgoil mhòr ann an Siorrachd Oxford: cha b' fhada gus an do dh'fhàs a' chlann eòlach (agus measail!) air òrain Ghàidhlig.

Tha Anna air a bhith a' feuchainn gu còraichean na Gàidhlig a sheasamh fad a beatha – mar thidsear, sgrìobhaiche, neach dhèanadais, agus pàrant: tha triùir chloinne aice.

Bha i na Bean-taic aig Comhairle nan Sgoiltean-Àraich bho 1982–1997, agus na ball de dh'iomadach chomataidh eile. Bhiodh i a' teagasg òrain Ghàidhlig ann an Sgoil Shamhraidh Oilthigh Shruighlea a h-uile bliadhna: am measg nan oileanach a thàinig gu na clasaichean aice bha Karen NicMhathain, Màiri NicAonghais agus Talitha Nelson.

Ann an 1985 chaidh i a Cholaiste Chnoc Iòrdain gus teisteanas a bharrachd fhaighinn aig ìre bun-sgoil, airson a bhith gu feum dhan aonad Ghàidhlig a bha air ùr stèidheachadh ann am Bunsgoil Shir Iain Mhacsueil an Glaschu. Ann an 1989 fhuair i PhD bho Oilthigh Ghlaschu (Gaelic-medium Education in Urban Contexts).

Bha i ag obair mar Oifigeach-leasachaidh (Foghlaim) aig CNAG, an uair sin mar Riochdaire telebhisein aig MNE agus STBh (bha i na riochdaire air Speaking our Language) agus, aig a' cheann thall, na h-Òraidiche ann an Oilthigh Shrath Chluaidh.

Bha i na Neach-labhairt Dualchais agus Gàidhlig aig Pàirtidh Nàiseanta na h-Alba eadar 1996 agus 1999, agus sheas i mar thagraiche airson nam Pàrlamaid (a) Lunnainneach agus (b) Eòrpach: cha do rinn i a' chùis, ged-thà, ach rinn i deagh charaidean ùra – dhi fhèin agus, bhiodh i an dùil, dhan Ghàidhlig! Tha i a-nis a' ruith companaidh riochdachaidh / fhoillseachaidh (Brìgh) còmhla ris an duin' aice, Caoimhín Bree.

Ann an 1992 chaidh iarraidh oirre fèin-eachdraidh a sgrìobhadh (Song of Myself, Mainstream) agus bhrosnaich seo i gus ultach leabhraichean eile a sgrìobhadh, nam measg Songs of Gaelic Scotland (Birlinn, 2005), Coille an Fhàsaich, co-chruinneachadh den bhàrdachd agus òrain aig Dòmhnall Mac'Ilip (Brìgh, 2008), agus tòrr leabhraichean chloinne.

Mar aithneachadh air an obair a rinn i dhan Ghàidhlig thar nam bliadhna, thug Oilthigh Dhùn Èideann Ollamhachd Urramach dhi ann an 1993, thug Oilthigh na Gàidhealtachd Caidreabh Urramach dhi ann an 2008, agus ann an 2009 chaidh a h-ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.