Rugadh an t-Urramach Seòras L. Moireach, Seòras Dhòmhnaill Sheoc, aig 24 Dail bho Dheas ann an sgìre Nis air 24 Màrt, 1896.
Nuair a rugadh e, tha e coltach gu d' thuirt Bean Chràisgein, a' bhean-glùine, ri mhàthair, "Tha mi a' toirt dhut balach, 's bidh e na theachdaire an t-soisgeil."
Bha seachdnar chloinne aig a phàrantan, Annabel NicDhòmhnaill agus Dòmhnall Moireach, dithis nighean agus còignear bhalach.
An dèidh Sgoil Chrois fhàgail thug Seòras greis ag obair aig Ailig Mhurchaidh 'ic Fhearchair aig an robh an taca agus a' mhuilinn an Dail. Thug e greis an uair sin ag obair ann am bùth ann a' Steòrnabhagh ach, aig toiseach a' Chogaidh ann an 1914, ghabh e dhan arm. Bha e a' mhòr-chuid dhen ùine as an Fhraing còmhla ri na Sìophortaich.
Ged a thàinig e fhèin gu sàbhailte tron chogadh, chaill e a bhràthair Calum ann an 1918. Ghabh e flu 's e a' tilleadh dhachaigh à Canada is chaochail e aig muir.
Chaidh Seòras iompachadh anns an dùsgadh a bh' ann a sgìre Nis mu 1921, ri linn an t-Urr. Ruaraidh Iain MacLeòid.
Chan eil teagamh nach d' thug na chailleadh anns a' Chogadh Mòr agus ann an call na h-Iolaire buaidh do-thuigsinneach air daoine as na bliadhnaichean a lean. Bha bochdainn mhòr ann agus dh'fhalbh na ceudan às na h-eileanan air a' Mhetagama ann an 1923 agus air am Marloch agus an Canada ann an 1924. Bha iad a' sireadh beatha ùr agus beòshlaint ann an Canada agus nam measg bha Seòras, dithis de bhràithrean agus a phiuthar Iseabail.
Chaidh an ceathrar aca gu Trail, British Columbia, 's cha robh iad fada a' faighinn cosnadh an sin agus a' faighinn air adhart. Bhiodh iad a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ann, le Seòras tric a' searmonachadh. Mu dheireadh chaidh a' First Presbyterian Church of Trail a stèidheachadh agus bha Seoras na èildear san eaglais.
Bha e cuideachd a' dol gu clasaichean oidhche agus, ann an 1927, chaidh e an toiseach do dh'Oilthigh MacGill agus an uair sin do Cholaiste Ministrealachd am Montreal. B' ann nuair a bha e an Oilthigh MacGill a thug e Lewis dhan ainm aige airson aithneachadh bho Sheòrasan Moireach eile a bh' ann aig an àm.
An dèidh dha a theisteanas mar mhinisteir fhaighinn, chaidh Seoras gu Scotstoun, Quebec. B' ann à Scotstoun, baile anns an robh mòran eilthirich à Leòdhas gu h-àraidh, agus an sliochd, a bha Edith NicLeòid a phòs e ann an 1935. B' ann à sgìre Ùige Leòdhais a bha cuideachd Edith. Bha dithis chloinne aca, George Lewis agus Ora-Annabel.
A' bhliadhna a phòs e fhuair Seòras calla gu eaglais United Presbyterian ann am Boston far an robh e gu 1956. Fo a stiùireadh mheudaich an coitheanal gu mòr agus rinn Seòras ainm dha fhèin mar sgoilear agus mar sgrìobhaiche le sreath de leabhraichean an clò bhuaidhe mar The Music of the Golden Bells (1942), Songs in the Night (1945) agus Millennium Studies (1948).
Ann an 1948 thug an coitheanal dha mar thiodhlac tiocaidean airson a dhol air saor-làithean air ais a Leòdhas airson a' chiad uair on dh'fhalbh e às. Ann an 'Cuairt do Leòdhas' sgrìobh e:
Ràinig is fhuair mi na cnocan 's na cruachan
Na feadanan luatha 's na fuar-bheannaibh mòr;
Na lochan, na cluaintean, 's na glinn a bha snuadhmhor
Far am bu tric bha mi buachailleachd uain mun a chrò.
Ach shir mi a' mhuinntir bha dlùth ann an dàimh dhomh
'S a thaisbean dhomh coibhneas nam naoidhean gun treòir
Cha robh iad ri faighinn a-nis anns a' bhaile
Bha 'n àiteachan falamh air talamh nam beò.
Ann an 1956 ghluais Seòras gu eaglais UP Mayfair ann a' Philadelphia. Cha robh e air a bhith a' sin ach mu ochd mìosan nuair a chaochail e aig aois 60. Chaidh adhlacadh ann am Boston air 12 Dùbhlachd, 1956.
Cha robh Seòras Moireach a-riamh ann an Hiort. Sgrìobh e an t-òran seo an dèidh do charaid dha, a dh'fhalbh à Hiort, iarraidh air òran a dhèanamh a' cur an cèill smuaintean nan daoine a dh'fhàg an t-eilean.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.