An t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach

'S e an t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach (1920-1998) a sgrìobh na facail aig Madainn th' air Èirigh a tha coitheanal eaglaisean Thiriodh a' seinn. Rugadh e ann an Uibhist a Tuath. Bha e na mhinistear aig Eaglais na h-Alba ann a' Steòrnabhagh agus ann an Innis, Obar Dheathain.

'S e sgoilear Gàidhlig air leth a bh' ann agus tha mòran de chuid laoidhean ann an clò. Dh'eadar-theangaich e bàrdachd Burns air fad gu Gàidhlig agus chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich, aig Mòd Chataibh, ann an 1977.

Tha co-dhiù dà eadar-theangachadh eile den laoidh Morning has Broken ann. Anns an laoidheadair Seinnibh don Tighearna (Kevin Mayhew Ltd, 1986) tha an t-eadar-theangachadh aig Ceana Chaimbeul:

Solas na grèine
Madainn na glòrach,
Ceòlraidh an t-slèibhe
Caithream don là;
Molamaid ceòlraidh
Molamaid bòidhchead
Molamaid dòchas
Facal A ghràis.

Uisgeachan mìne
Tuiteam bho Nèamh mar
Thuirling an driùchd
Thug toiseach air fàs;
Milis am mìnead
Maiseach an dìthean
Dh'èirich gun strì
An làrach A shàil.

Solas na grèine
Madainn na glòrach
Dheàlraich air Eden
Deàlrachadh oirnn;
Moladh le èibhneas
Moladh ag èirigh
Cruthaidheachd Dhè
Air madainn gach lò.

Agus anns an iris Gairm, Àireamh 80, Foghar 1972, lorgar an t-eadar-theangachadh a leanas le Iseabail NicDhòmhnaill, Baile Dhùn Lèibhe:

Tha mhadainn air briseadh
Mar a' chiad mhadainn,
Tha 'n lòn dubh air bruidhinn
Mar a' chiad eun.
Cliù do an cheilear,
Cliù do an mhadainn,
Cliù dhaibh bhith tighinn
Gu h-ùr bhon uan.

Mar thuiteam na ciad dhealt
Air a' chiad neòinean
'S caomh tuiteam na h-ùr fhrois,
Grian shoillsicht' on speur.
Cliù 'r son a' ghàrraidh
Tha cùbhraidh fon uisge
Air èirigh na lànachd
Far an stiùir E a cheum.

'S leam soillse na grèine
'S leam briseadh na maidne,
Bha ri fhaicinn a Eden
A' mireadh an àird.
Moladh le iolach
Moladh gach madainn
Dia bhi 'g ath-chruthachadh
Dhuinn gach ùr là.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.