Rugadh agus thogadh an t-Urramach Murchadh MacPhàil, Murchadh Choinnich, ann an Grabhair, ann a' Sgìre nan Loch, Leòdhas.
Aig àm a' Chiad Chogaidh chaidh e a Ghlaschu, 's gun e ach na bhalach òg, a dh'ionnsachadh ceàird na saoirsneachd agus b' ann fhad 's a bha e as a' bhaile a thàinig atharrachadh na bheatha.
An dèidh cuir roimhe gu robh e dol airson na ministrealachd, chaidh e airson foghlam an toiseach do dh'Oilthigh Ghlaschu agus an uair sin do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann.
Nuair a thàinig e a-mach na mhinisteir ann an 1930, chaidh e a fhrithealadh coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Cill Bhrianain agus Cill Chatain, ann an Earra-Ghàidheal. Bha an eaglais air a bhith bàn fad ochd bliadhna fichead, an eaglais fhèin am feum mòran càraidh agus na daoine air bheag misneachd. Nuair a dh'fhalbh e às an dèidh 14 bliadhna, bha an eaglais air a h-ath-thogail, i an ìre mhath làn gach Sàbaid agus an coitheanal stèidhichte.
Chaidh e à Cill Bhrianain gu ruige Crothaidh an Siorrachd Inbhir Nis far an do shaothraich e airson timcheall air ochd bliadhna deug.
An dèidh iomadh bliadhna de dh'obair air comataidhean na h-eaglais, chaidh a thaghadh gu bhith na Mhoderàtor. Thug e greis cuideachd anns an Eaglais Ghàidhealach ann an Bhancoubhar far na chòrd e cho math ris a' choitheanal 's gu robh iad airson a chumail. Bhiodh e tric a' sgrìobhadh, an Gàidhlig agus am Beurla, do dh'irisean na h-Eaglais.
Bha An t-Urr. MacPhàil cuideachd na bhall de Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis airson 14 bliadhna agus 's e a bha a' riochdachadh an Eaglais Shaor air comataidh an fhoghlaim.
Tha sealladh air mar shearmonaiche ri fhaighinn as an teisteanas a thug a' chlèir air ann an iris na h-Eaglais, Am Monthly Record, an dèidh a bhàis:
"As a preacher his style was unique. He early formed the habit of making the most careful preparation for the pulpit, a practise which he continued to the end of his life. As a result his preaching was always lucid and interesting, sustained and enriched by suitable illustration and anecdote.
His manner in the pulpit was that of self-effacement. There was no effort at display. His preaching was of a warm, conversational and engaging style, having nothing formal or acrimonial about it and it never failed to gain the attention and interest of his hearers."
Thàinig an t-Urramach MacPhàil a Scalpaigh ann an 1962. Bha e pòsta aig Ciorstag Aonghais Ruaraidh à Calabost a bha aig aon àm na banaltram ann an Sgìre nan Loch. Cha robh e air a bhith ann ach beagan a bharrachd air bliadhna nuair a chaochail e gu h-obann as an eaglais air Diluain nan òrduighean ann an 1964.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.