Rugadh an t-Urramach Murchadh Mac a' Ghobhainn, Bàrd Liùrboist nan Loch, Leòdhas, ann an 1880. Bha e na mhaighstir-sgoile mus robh e na mhinisteir, a' teagasg ann an sgoiltean le Comunn Gàidhealach Mnathan-Uaisle Dhùn Èideann (Ladies Highland Association Schools) ann an àitichean leithid Àird Mhùirlidh anns na Hearadh, Loch Sgioport, agus Gramasdal an Uibhist a Tuath.
Choisinn e urram airson a' bhàrdachd an toiseach ann an 1911. Mar a mhìnich a mhac, K. D. Mac a' Ghobhainn, air BBC Radio nan Gàidheal san t-Samhain 1987:
"B' e obair fearainn an cuspair a thagh m' athair nuair a dh'fheuch e air co-fharpais litreachais aig Mòd Ghlaschu as a' bhliadhna 1911. Chuir e air adhart trì pìosan de bhàrdachd bho na cinn 'An t-Àiteach', 'An Àirigh' agus 'A' Bhuain'. Chaidh na trì cuspairean bho aon cheann, 'Obair a' Chroiteir ann an Leòdhas', agus choisinn e àrd dhuais airson an oidhirp sin."
Mus deach Eaglais Shaor Chrosaboist a thogail bha taigh-adhraidh air mullach Cnoc Màiri a chaidh a thogail le buill den choitheanal. Ann an stoirm uabhasach thuit e, agus bha ùpraid nach bu bheag mun chùis. Rinn Mac a' Ghobhainn òran aotrom, èibhinn mun chùis.
'S ann toiseach an Fhaoillich
A bheothaich na gaoithtean
A rinn call air an taobh seo
Chuir smaoineachadh oirnn.
An sionagog àlainn
Bh' air mullach Cnoc Màiri
A bhriseadh na chlàran
'S a chàradh 's na lòin.
Nuair chunnaic an calman
Gun chuireadh air falbh aist'
An teachdair bha ainmeil
Air searmanan mòr;
Bha chridhe fo thùrsa
A' faicinn na cùbainn
'S na dorsan aic dùinte
Air cùlaibh Mhic Leòid.
Dh'innis K. D. mun chuimhne a bha aige, 's e na bhalach, air a bhith a-muigh cuairt còmhla ri athair, 's iad air ùr thilleadh à Uibhist.
"Thachair sinn air èildear còir a bhuineadh don Eaglais Shaor. Chuir e fàilte chridheil air m' athair le briathran nach do thuig mise idir aig an àm. A' cur ìmpidh air m' athair thuirt e, "A Mhurchaidh, bha fios agam gu robh sibh air tilleadh dhan tìr. Phriob an calman orm Là na Sàbaid!"
Rug iad air làimh air a chèile gu càirdeil, 's rinn an dithis gàire aighearach. Bha mise air m' fhàgail fo imcheist.
Iomadh bliadhna an dèidh seo, lorg mi gu robh calman snaidhte ann a' fiodh os cionn a' chùbainn ann an Eaglais Chrosaboist. Bha iomradh air a' chalman a bha seo anns an t-òran a sgrìobh m' athair. Agus seo a bh' aig an èildear anns an fhàilte."
Sgrìobh Murchadh Mac a' Ghobhainn air iomadh cuspair agus, a bharrachd air an Tè Bhàn, rinn e òrain eile air a bheil daoine measail fhathast.
'S e, mar eisimpleir, a sgrìobh 'Fògradh ar Gàidheil', anns a bheil na briathran:
Cha b' iongnadh ged a bhàsaicheadh
Ar cànan mhilis mhàthaireil
Cha labhair fèidh na fàsaich i
'S tha chaora bhàn gun chòmhradh.
Aig aon àm, rinn Mac a' Ghobhainn agus dithis mhinistearan eile deiseil airson a dhol a shearmonachadh a Chanada. Aig a' cheann thall, cha deach e ann, ach chuir e a smuaintean mu bhith fàgail an eilein ann an òran a tha ri chluinntinn tric:
Tha m' inntinn trom fo luaisgean
'S mi gluasad as an àit'
Far robh mi òg ri buachailleachd
Bho ghluaisinn na mo phàisd';
Air feadh nan glinn 's nam mòintich
Far am biodh na h-eòin len àil
'S na srathan glas 's na leòidean
Anns an goir an smeòrach tràth.
Dh'innis K. D. mar a thàinig Aonghas MacLeòid gu an Tè Bhàn a chuir air clàr:
"Nuair a bha mise nam oileanach an Obar Dheathain, chuir mi eòlas air fìor Ghàidheal à Scalpaigh na Hearadh a bha a' toirt a-mach a dhreuchd fhèin aig an aon àm. B' e esan Aonghas MacLeòid nach maireann, seinneadair barraichte.
Aon latha thàinig Aonghas far an robh mi a dh'fhaighneachd a' robh lorg sam bith agam cò sgrìobh an t-òran, Tè bhàn, Tè bhàn.
Bha e air cuireadh fhaotainn bho Mhurchadh MacFhearghais dà òran a thaghadh airson clàr anns a' chiad sreath a bha Murchadh ag ullachadh fon ainm Gaelfonn. Agus thug mise gu dearbha cead do dh'Aonghas an t-òran a sheinn, oir b' e seo aon de na h-òrain aig m' athair."
B' e an Tè Bhàn Ceit 'an Louis à Crosabost, agus bha a màthair à Ìle. Ged nach d' fhuair am bàrd làmh Cheit, tha rann aige ann an òran eile a tha a' sealltainn nach robh e ag altramas mì-rùn sam bith dhi air sgàth na thachair:
Thug mi gaol dhut, 's chan fhaod mi àicheadh
Ach mheas thu faoin e is rinn thu tàir air.
Tha do shaors' agad airson m' fhàgail
Ach guidheam slàn thu gach oidhch is là.
Chaochail an t-Urramach Murchadh Mac a' Ghobhainn ann an 1936.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.