
Air 14 Faoilleach 1918, rugadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an Àrnol air taobh siar Leòdhais. Chaill e athair, 's gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn Latha na Bliadhn' Ùire, 1919.
Cheumnaich e an toiseach à Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e BD ann am Montreal agus BEd ann an Alberta, an Canada. Bha Teisteanas ann am Foghlam Chuspairean Spioradail aige bho Cholaiste Chnoc Iòrdan an Glaschu. Eadar 1940 agus 1943, bha e anns a' Chabhlach Rìoghail air HMS Ganges agus HMS Eglinton agus, an dèidh dha cead searmonachaidh fhaighinn bho Chlèir Ghlaschu ann an 1945, chaidh e air ais don Chabhlach Rìoghail mar mhinisteir.
Phòs e Dolena NicChoinnich à Steòrnabhagh ann an 1948, agus san aon bhliadhna chaidh e a Chanada, far na fhritheil e dà choitheanal, Southampton, Ontario agus Calgary ann an Alberta. Thàinig e a Dhùn Èideann ann an 1961 far an d' fhuair e gairm bho choitheanal Naomh Pòl ann an Newington. Ann an 1967, ghluais e gu eaglais na Cille Moire, Cille Bhrìghde agus Seann Sgìre an Òbain far an robh e gus na leig e dheth uallach coitheanal ann an 1984.
A bharrachd air a bhith na shearmonaiche air leth comasach, bha Iain na dheagh chraoladair a bha ri chluinntinn tric air Dèanamaid Adhradh agus air Smuain na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal.
Bha Iain MacLeòid cuideachd na bhàrd tàlantach agus na eadar-theangaiche sgileil. Choisinn e prìomh dhuaisean airson òrain ùra ann an Alba agus aig an Fhèis Pan-Cheilteach an Èirinn agus tha an dà òran Nam Aonar le mo Smuaintean agus 'Thoir Dhomh do Làmh' rin cluinntinn tric. Tha daoine cuideachd measail air laoidhean a dh'eadar-theangaich e, leithid O Mìorbhail Ghràis agus ''S ann air Cnoc Fada Thall'.
Nuair a chaochail an t-Urramach Iain MacLeòid sa bhliadhna 1994, sgrìobh a charaid, an t-Oll. Urr. Ruaraidh MacLeòid mu dheidhinn:
"Bidh cuimhne air an t-Urr. Iain MacLeòid mar sgoilear, mar mhinisteir, mar aoghair, mar bhàrd, mar eadar-theangair agus mar shearmonaiche. Dh'fhaodamaid a bhith air iomradh a dhèanamh air na rinn e na mhinisteir aig sgoiltean is ospadail agus buidhnean eile. Rinn e seirbheis don Eaglais cuideachd mar Fhear-gairm air Comataidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Agus sinne a chuir eòlas air bho chionn iomadach bliadhna, bidh cuimhne againn air mar deagh charaid, duine Crìosdail a bha an còmhnaidh geanail, toilichte, a nochd dhuinn iomadh coibhneas agus a thug dhuinn sunnd agus toil-inntinn gach uair a bha sinn na chuideachd."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.