Ged a rugadh an t-Urramach Iain M. Mac a' Ghobhainn, John Murdo an Tucsain, ann a' Leòdhas anns an Lùnastal 1927, chanadh e fhèin nach mòr nach e Uibhisteach a th' ann. Dh'fhalbh e à Leòdhas aig aois 18, nuair a chaidh e do Fheachd an Adhair, ach tha e air a bhith an Uibhist fad leth cheud bliadhna 's a ceithir.
'S e an treas mac aig Alasdair Iain Sheònaid à Siadar agus bhuineadh a mhàthair, Oighrig Iain Uilleim Ruaidh, do sgìre Bharabhais. Bha còignear theaghlach aca, Dòmhnall Iain, Uilleam, John Murdo, Catrìona agus Dòmhnall Murdo. Clann an Tucsain a chanar riutha, an t-ainm a' tighinn bhon athair a chuir seachad ùine an Ameireagaidh na òige.
Chaidh Iain òg do Sgoil Àirigh an Tuim, mu mhìle bhon taigh aca, agus do sgoil de sheòrsa eile, mar a dh'innis e bho chionn ghoirid air BBC Radio nan Gàidheal:
"Bha taighean-cèilidh as a' bhaile cuideachd agus bhiodh an t-uamhas dhe na h-inbhich a' cruinneachadh as na taighean-cèilidh a bha sin. Ach bha na dachaighean sin fosgailte dhan òigridh cuideachd.
'S bhiodh sinn a' tadhal as na dachaighean a bha sin, 's a' cluinntinn bho na seòladairean a bha seòladh air feadh an t-saoghail, ag innse naidheachdan 's dòcha mu nuair a bha iad thall ann am Buenos Aires no an Astràilia no New Zealand. 'S bha sinn ag èisteachd le ro aire ris a h-uile càil a bha sin, 's dòcha suas gu deich uairean a dh'oidhche nuair a bu chòir dhuinn a bhith nar leabaidh."
Bha aon taigh sònraichte air a bheil cuimhne bhlàth aige:
"'S e far-ainm a bh' air, Taigh Shuft, Suft 's e bh' ann, agus bha e na thaigh-cèilidh aig muinntir a' bhaile, inbhich is òigridh.
Bha Alasdair Matheson, 's e bh' ann, agus bha e cho tlachdmhor agus cho taitneach agus cho gasta ris a' chloinn agus bha e cho tarraingeach orra. Cha chuireadh e riamh an aghaidh a' chlann a bhith a' tighinn a-steach còmhla ris na h-inbhich. Agus bha teine ann am meadhan a' làir, agus being air gach taobh, agus bhiodh na suidheachain a bha sin làn, 's a leithid a bhlàths as an dachaigh, bha e dìreach sònraichte."
Cha robh cion luchd-ciùil ann a Siadar. Bha an t-uabhas as a' bhaile a chluicheadh am bogsa agus bha pìobairean ann agus tòrr sheinneadairean matha. Bha a bhràthair Uilleam na phìobaire agus 's iomadh turas a chluich John Murdo e fhèin am bogsa aig bainnsean.
Dh'fhàg e sgoil aig aois 14, airson a dhol an ceann a chosnaidh, a' dèanamh obair sam bith a bha dol, a' cuideachadh le obair fearainn agus le togail thaighean.
Aig aois 18 chaidh a thogail do Fheachd an Adhair. An dèidh greis a' trèanadh ann a' Sasainn am meadhan nan dà fhicheadan, chaidh e dhan Èiphit agus às dèidh sin a dh'Iraq. Thug e bliadhna aig Shaibah, faisg air Basra, mus do ghluais e gu Habbaniya, far an robh port-adhar mòr agus trang. Chòrd an dùthaich agus na daoine ris.
Thill John Murdo à Feachd an Adhair air ais a Shiadar ann an 1948 agus bliadhna an dèidh sin thàinig atharrachadh na bheatha:
"Ann an 1949, thoisich dùsgadh spioradail as a' sgìre, agus chaidh an t-uabhas de dhaoine òga agus meadhan-latha agus aosta iompachadh as an dùsgadh a bha sin. 'S e mi fhìn a' chiad fireannach a chaidh iompachadh ann, agus chaidh grunn againn iompachadh an aon oidhche ann an coinneamh, nuair a bha an t-Urr. Donnchadh Caimbeul, an soisgeulaiche, a' searmonachadh as a' sgìre.
Agus sgaoil an dùsgadh a bha sin nuair a chaidh grunn againn iompachadh a' chiad oidhche. Chaidh iomradh an uair sin mach air feadh Leòdhais uile, an dùsgadh a bh' air briseadh a-mach ann a' sgìre Bharabhais, agus thòisich daoine a' tighinn dha na coinneamhan a bh' air an cumail ann an eaglais Bharabhais a h-uile h-oidhche. Bhiodh daoine a' tighinn às gach ceàrnaidh de Leòdhas dha na coinneamhan sin, 's bhiodh eaglais Bharabhais, gabhaidh i na ceudan dhaoine, bha i làn, a h-uile suidheachan a bh' innte air a lìonadh.
Bha na searmoin aige cho tarraingeach agus cho tlachdmhor agus nuair a bha e a' cur ìmpidh air daoine mar sin am beatha a thoirt do Chrìosd, thuirt mise rium fhìn aon oidhche, 'Well, chan eil mise ach òg ach tha mi dol a thoirt mo bheatha do Chrìosd, ge bith de nì daoine eile. Tha mise a' dol a thoirt fàilte agus cuireadh do Chrìosd tighinn a-steach a dh'ionnsaigh mo bheatha.'"
Le taic bho Mgr MacAoidh, ministeir na sgìre aig an àm, chuir John Murdo aghaidh air foghlam agus ullachadh airson a bhith na mhinisteir. An 1956, cho luath 's a bha e ullamh, fhuair e gairm a dh'Uibhist a Deas, bho choitheanal eaglais Tobha Mòr.
Bha trì eaglaisean rim frithealadh as a' sgìre, ann an Tobha Mòr, san Druim Mòr agus san Ìochdar. 'S ann an eaglais an Ìochdair a choinnich e ri bhean, Mairead Nic a' Phearsain, a bha na tidsear bun-sgoil agus, dà bhliadhna an dèidh dha tighinn a dh'Uibhist, phòs iad.
Bha iomadh teaghlach an Uibhist a Deas aig an àm seo a' fulang bochdainn agus fhuair John Murdo taic airgid uair is uair dhaibhsan a bha feumach air, gun cheist cò an eaglais a bha iad a' frithealadh.
Bha e an Uibhist aig an àm a bha raon na rocaidean ga stèidheachadh agus bha e tric a dol a dh'èisteachd ris na croitearan a' tagradh air an son fhèin ann an Cùirt an Fhearainn. Gu dearbha, chaidh a' chùirt a dhùnadh an latha a phòs e gus am faigheadh daoine cothrom a dhol chun na bainnse.
Bha an t-Urr. Mac a' Ghobhainn air a bhith ann an Tobha Mòr seachd no ochd a bhliadhnaichean nuair a fhuair e gairm bho choitheanal Loch na Madadh is Thruimisgearraidh. Ghluais e gu tuath ann an 1963. Shaothraich e an Uibhist a Tuath airson 30 bliadhna, a' frithealadh trì eaglaisean, Truimisgearraidh, Loch Portan agus Loch na Madadh.
Tha an t-Urramach Mac a' Ghobhainn air a dhreuchd a leigeil dheth ach tha e fhathast a' fuireach a' Loch na Madadh. Thairis air na bliadhnaichean a bha e ag obair an Uibhist a Tuath, tha e smaoineachadh gun d' rinn e mu 6,000 searmon, gun do bhaist e còrr air 200 pàiste agus gun do phòs e 90 càraid.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.