Rugadh an t-Urramach Dòmhnall MacNeacail ann an 1735, mac le Neacail MacNeacail a bha na fhear-taca ann an Socach, an Gleann Urchaidh an Earra-Ghàidheal. B' e Màiri Stiùbhart ainm a mhàthair.
B' e sgoilear air leth a bh' ann a fhuair foghlam an Oilthigh Chill Rìmhinn agus a chaidh a Lios Mòr na mhinisteir timcheall air 1764, an dèidh dha a bhith dhà na thrì bhliadhnaichean ann an Saghadal.
Bha e ainmeil na dhreuchd, mar a mhìnich an t-Urr. Seòras MacEanraig à Oilthigh Ghlaschu do bhuill Comann Gàidhlig Inbhir Nis air 14 Dùbhlachd, 1911:
"Is gann gu robh na linn ministeir air Galldachd no air Gàidhealtachd a b' àirde comas, agus a bha na ghluasad cho iriosal, suairc. Mar mhinisteir bha e coileanta anns gach nì a bhuineadh da oifig. Is e ministeir Phòil a theirte ris leis an t-sluagh a thaobh cho tric 's a bhiodh e a' searmonachadh o litrichibh an Abstoil sin.
Na phearsa bha e riochdail, eireachdail, ged bha blàth na brice air aghaidh. An làithibh òige bha a' bhreac no 'a' bhean mhath', mar a their cuid, trom air feadh na tìre is dh'fhàg i làthaireach na deaghaidh, a chor 's gun robh àite na brice gu tiugh air aghaidh."
Tha MacEanraig ag innse mar a thachair do Dhòmhnall MacNeacail ann an 1771 is e air iarraidh air Lillias no Lili Chaimbeul, a phòsadh. Rugadh Lili air 26 Samhain, 1753, agus bha sin ga fàgail mu ochd bliadhna deug na b' òige na Dòmhnall, agus cha robh i buileach an ochd-deug dùinte aig an àm:
"Air oidhche àraidh bha i an taigh a h-athair an Achalian. Dhanns i le Caiptean Caimbeul, oifigear a mhuinntir Ghlinn Urchaidh a bha an làthair, 's aig an robh sùil ri a làimh. Gheall i a phòsadh mar chualas.
Aig an àm sin bha e mar àbhaist gum biodh leth-amadain ri fhaicinn aig taobh teallaich ann an taigh gach uasal sa Ghàidhealtachd. Nuair a bha an t-eireachdas a' dol air aghaidh deir an Caiptean ris an amadan, "Bheir mi leth-chrùn dhut ma bheir thu pòg do Lili."
Phòg an ainnir an t-amadan ach chuir briathran a' Chaiptein tàmailt mhòr oirre. Is thuirt i ris an amadan, 's an Caiptean ag èisteachd, "Cha bhi pòg am feast a dhìth ort is leth-chrùn an làimh a' Chaiptein!"
Air an dearbh oidhche, ach beagan ro an tuiteamas seo, bha Mgr Dòmhnall MacNeacail air tighinn air a tòir, chùm cead fhaotainn a pòsadh. Dhiùlt i e is dh'fhalbh e, ach ghlac an t-aithreachas i air tàillibh an tàmailt seo on Chaiptean.
Dh'òrdaich i marcaiche falbh na dheaghaidh air muin eich de eachaibh a h-athair. Tharraing am marcaiche suas ri Mgr MacNeacail am fagus do Bhun Odha, 's thug e air tilleadh air ais. Dh'innis e gun d' thuirt i nach pòsadh i gu bràth fear a dh'iarradh air leth-amadan a pògadh an làthair cruinneachaidh is eireachdais an taigh a h-athair."
A rèir na sgeòil bha Dòmhnall MacNeacail a' dèanamh an òrain Mo Shùil ad Dhèidh nuair a ràinig am marcaiche e. Thill e air ais gu Achalian còmhla ris is thuirt Lili gum pòsadh i e, ma bha e fhathast air a shon. 'S e a bha.
Phòs iad air 28 Samhain, 1771 agus rugadh a' chiad leanabh dhaibh, ann am mansa Lios Mòr san Dùbhlachd, 1772. Eadar sin agus 1800, bha còig leanabh deug eile aca, ged a bhàsaich ochdnar dhiubh nam pàistean.
B' e an t-Urramach Dòmhnall MacNeacail a sgrìobh sìos mòran de bhàrdachd Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir bho aithris a' bhàird fhèin agus a chuidich e a' deasachadh a bhàrdachd airson clò-bhualadh.
Chruinnich e mòran bàrdachd eile, agus tha cruinneachadh a rinn e do, mar eisimpleir, bàrdachd na Fèinne ri fhaicinn ann an Leabhar na Fèinne, a dh'fhoillsich Iain F. Caimbeul ann an 1872.
Dh'fhoillsich e Remarks on Dr. Samuel Johnson's Journey to the Hebrides ann an 1779, ionnsaidh ghuineach air cuid dhe na bh' aig an Dotair MacIain ri ràdh anns an leabhar aige fhèin.
Cha robh an leanabh a b' òige a bh' aige ach dà bhliadhna a dh'aois nuair a chaochail an t-Urramach Dòmhnall air 28 Màrt, 1802.
Rinn "duin' uasal àraid" na rainn a leanas nuair a bha e na sheasamh aig uaigh:
Eòin as moiche dhùisgeas fonn
Taomaibh an seo ar ceòlan trom;
Bitheadh ar guth gu tiamhaidh tric,
Bu bhinn a bheul-san tha fon lic.
Ghrian as àillidh ceuman shuas
Dòirt do ghathan blàth mun uaigh;
Samhla do dheàrsa cridhe 'n trèin
A chì thu 'n seo fo smachd an Aoig.
Bhean na cèille 's caoine snuadh
Na biodh do dheòir a' ruith cho luath;
Cha mhair an cadal seo a chaoidh,
Chì thu fhathast rùn do ghaoil.
Chì thu e san t-saoghal chian
Mar dheàrsa grèin' nach caochail sian;
'N sin sguiridh bròn is sileadh dheur
'S cha sgar am bàs sibh chaoidh o chèil'
Tuilleadh Fiosrachaidh
Bha Lili beò airson naoi bliadhna fichead às dèidh a cèile. Chaochail i air 29 Ògmhios, 1831.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.