An Ridire Arailt Boulton

Rugadh Arailt Edwin Bolton ann an Kent an Sasainn ann an 1859 agus fhuair e fhoghlam ann an sgoil Harrow agus ann an Oilthigh Oxford. Bha ùidh mhòr aige ann an ceòl on a bha e san sgoil agus aig aon àm b' e am prìomh sheinneadair a bh' ann an còisir na sgoile. As an oilthigh ghabh e ùidh mhòr ann an litreachas.

Nuair a dh'fhàg e an Oilthigh chaidh e cuairt a Chanada mus deach e a dh'obair do chompanaidh an teaghlaich, Burt, Boulton and Hayward, a bha an sàs, am an measg ghnothaichean eile, ann an obraichean co-cheangailte ri fiodh, rathaidean-iarainn agus stuthan ceimigeach.

Còmhla ris an t-Urramach Seumas Hadderly chuir e air chois a' Federation of Working Men's Social Clubs air an robh e fhèin na Cheann-suidhe eadar 1895 agus 1930. Còmhla ri caraid stèidhich e taigh fasgaidh, ann am Bow an Lunnainn, far am faigheadh daoine gun dachaigh tàmh na h-oidhche agus taic le bhith sireadh cosnadh.

Còmhla ri athair, ann an 1903, stèidhich e an Dominion Tar and Chemical Company ann an Alba Nuadh an Canada. Bhiodh e dol a dh'Alba Nuadh uair na dhà gach bliadhna gu 1918 nuair a chaidh e na Chathraiche air a' chompanaidh. Chaidh a' chompanaidh a ghabhail os làimh le na Canadianaich ann an 1929 ach bha Arailt na Chathraiche air a' chompanaidh ùr, Associated Tar Distillers, airson grunn bhliadhnaichean.

A dh'aindeoin a bhith cho trang le obair gnìomhachas sgrìobh e mòran òrain, nam measg an 'Skye Boat Song'. Bha Arailt air ùidh a ghabhail ann an òrain thraidiseanta fhad 's a bha e san Oilthigh agus chuir e facail ri fonn a chruinnich Anna NicLeòid, Lady Wilson. Chaidh an t-òran fhoillseachadh an toiseach ann an aon de na leabhraichean as an robh làmh aig Arailt, Songs of the North (Boulton agus MacLeòid, Lunnainn, 1884). Bha fèill cho mòr air an leabhar 's gun deach e gu clò co-dhiù 14 turas.

Chuidich e le co-dhiù dà leabhar eile a dheasachadh, Songs of Four Nations, a nochd ann an 1893, agus Our National Songs.

Fad a bheatha cha mhòr bha e ag obair gu saor-thoileach do iomadh buidheann carthannais, agus aig aon àm cuideachd bha e na chaiptean anns na Camshronaich.

Chaochail e ann an Lunnainn ann an 1935.

Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche: An Athair Urr. Iain Mac a ' Mhaoilein

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.