'S ann à Ìle a bha an t-Ollamh Urramach Nigel MacNèill a rugadh sa bhliadhna 1853. Na òige tha e coltach gun tug an obair aig leithid Iain Francis Caimbeul a chuir an clò Popular Tales of The West Highlands (1860-1862) agus Leabhar na Fèinne (1872) buaidh mhaireannach air.
Anns a' bhàrdachd 'Rùn nan Ìleach' sgrìobh e mun Chaimbeulach:
'S tu fhèin gun cheist an Gàidheal fìor
A rinn cho ainmeil sgeòil ar tìr
'S tu thog a' Ghàidhlig suas gu dìor
Is Goill a' sìor chur às dithe.
'S tu mac an athar fhialaidh, ghrinn
Nach fhaiceadh deòraidh bochd an teinn;
Nach d' fhògair Ìlich as na glinn
A bha tro linntean fada annt'.
Bha buaidh cuideachd aig a bhràthair air. B' esan an t-Urramach J. G. MacNèill a bha na mhinisteir ann an Caladar agus a bha na sgoilear Gàidhlig. ach aig an robh eòlas cuideachd air litreachas na Beurla.
Chaidh Nigel do dh'Oilthigh Ghlaschu ann an 1871, far an robh e na oileanach dìcheallach agus soirbheachail ann an roinnean litreachais agus feallsanachd. Ged nach robh Gàidhlig na chuspair foirmeil as an Oilthigh aig an àm, bha clas Gàidhlig ann, air a theagasg leis an t-Urramach Camshron à Breadhaig, agus fhritheil Nigel an clas sin, a' cosnadh duais airson a chuid obrach.
An dèidh sin thug e trì bliadhna ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire agus cho-dhùin e an uair sin a dhol na mhinisteir dhan Eaglais Choitheanalaich. Chur e crìoch air fhoghlam ann an Lunnainn agus chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha na mhinisteir san eaglais, ann an àiteachean leithid Caledonian Road ann an Lunnainn, Camden Town, Ilford agus Westcliffe-On-Sea.
Bha e gu mòr air taobh nan croitearan, gu h-àraidh a thaobh cùisean fearainn. Anns an taghadh pàrlamaid sa bhliadhna 1886 bha e na thagraiche ann am Bòid is Eilean Arain ach cha deach leis.
Thoisich e ri bàrdachd aig aois òg. Cha robh e ach gann air fichead bliadhna nuair a dh'fhoillsich e bàrdachd Bheurla Dermid and Judith agus leabhar Cian Dhàin: le Dànaibh Eile ann an 1872.
Nuair a bha e na oileanach sgrìobh e leabhar-iùil do dh'Ìle agus b' e am fear-deasachaidh a bha air an iris chràbhach, Bratach na Fìrinn, eadar 1783 agus 1784.
Ann an 1881 sgrìobh e sreath de dh'artaigilean mu litreachas na Gaidhealtachd don Ghlasgow Herald, agus, an dèidh leasachadh agus leudachadh a dhèanamh orra sin, chaidh am foillseachadh mar leabhar The Literature of the Highlanders: Race, Language, Literature, Poetry and Music sa bhliadhna 1892.
Anns an ro-ràdh sgrìobh e:
"On the following pages I am on occasion an advocate of the just rights and claims of a noble race; but my main objective is to inform upon the beauties and excellencies of a literature too long shrouded in undeserved obscurity."
Bha an t-Urramach MacNèill cuideachd a' sgrìobhadh naidheachdan mu Ghàidheil Lunnainn don Oban Times airson faisg air deich bliadhna fichead, a bharrachd air artaigilean air cuspairean leithid How to Learn Gaelic, The History of the Highland People agus The Land of Ossian.
Ann an 1886, dh'fhoillsich e Clàrsair Shioin: The Highland Hymnal, cruinneachadh de laoidhean ainmeil air an eadar-theangachadh bho Laideann agus Beurla gu Gàidhlig.
Chaochail an t-Urramach Nigel MacNèill, aig aois 57, ann an 1910.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.