Alison Rapson

Alison Rapson

Rugadh agus thogadh Alison Rapson (NicMhathain) ann am Bun Ilidh. Air an dà thaobh, bhuineadh an teaghlach aice don sgìre seo agus bha ceòl daonnan anns an dachaigh. Ged nach robh i fileanta sa chànan, bha ùidh mhòr aig màthair Alison ann an òrain Ghàidhlig, agus chionns gun robh am maighstir-sgoile taiceil dhan chànan cuideachd, bha Alison a' seinn aig na Mòdan ionadail bho bha i còig bliadhna a dh'aois.

Choisinn i an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta an Inbhir Nis ann an 1966, ann am Bonn Òr ann a' Sruighlea, ann an 1971. Tha Alison air a bhith a' fuireach anns a' Bhlàr Dhubh airson iomadach bliadhna. Bidh i a' seinn aig cèilidhean is cuirmean feadh a' chinn a tuath agus tha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.