Alasdair MacLeòid

Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Scalpaigh na Hearadh ged a thàinig air an t-eilean fhàgail, an toiseach airson foghlam aig àrd ìre fhaighinn, agus an uair sin airson cosnadh. Tha e air fuireach an grunn àiteachean ach airson na naoi bliadhna mu dheireadh tha a dhachaigh air a bhith ann am Baile Dhùn Lèibhe ann a' Lodainn an Iar far a bheil e ag obair mar chomhairliche gnìomhachais.

Thòisich e a' seinn nuair a bha e mu dheich bliadhna a dh'aois. Bha an Dotair a bhiodh a' tighinn do Scalpaigh ga mhisneachadh le bhith tairgsinn dà thastan dha airson òran a ghabhail - suim mhòr airgid do bhalach beag aig an àm. A bharrachd air sin cha bhiodh e a' seinn air àrd-ùrlar ach a-mhàin uair no dhà le còisir na sgoile aig Mòdan Leòdhais.

Thòisich e a' cur a mach na loidhne as an eaglais nuair a bha e mu naoi bliadhna deug agus, bho chionn còrr air deich bliadhna fichead, rinn e teip de Laoidhean Gàidhlig. Chaidh an teip sin dha na bùithtean goirid ron Nollaig agus, anns a' chiad seachdain a bha i ga reic, dh'fhalbh còrr air mìle is dà cheud leth-bhreac, a' dearbhadh an iarrtais a bha ann airson a' leithid agus an fhèill a bha air an t-seinn aig Alasdair.

Tha Alasdair measail air na seann laoidhean Ghàidhlig mar Làmh a' Bhuachaille chionns gu bheil iad gu tric ag innse eachdraidhean pearsanta an ùghdairean a thaobh an creideamh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.