
Rugadh Alasdair MacGillìosa ann an Glaschu air 8 Faoilleach, 1938. 'S ann às an Dìg ann a' Stafainn an Eilean Sgitheanaich a bha athair, Seonaidh Theàrlaich. 'S ann ann an Glaschu a rugadh a mhàthair, Oighrig NicMhathain, ach bhuinneadh a cuideachd do Chille Mhoire agus taobh sear an Eilein Sgitheanaich. Bha còignear de theaghlach aca agus 's e Alasdair a b' òige dhuibh. Bha ceathrar nighean ann, Cairistìona, Mòrag is Anna, agus chaochail aon nighean na leanaibh.
A rèir Alasdair, cha robh athair toilichte mur a biodh e a' seinn agus bha stòras mhòr aige, gu h-àraidh de dh'òrain a rinneadh le bàird an Eilein. Tha cuid dhiubh air an clàradh aig a' BhBC agus aig Sgoil Eòlais na h-Alba.
Bha an teaghlach a' fuireach ann an Overnewton, ann an Glaschu, agus bha athair Alasdair aig muir, an toiseach air bàtaichean Loch Laomainn. Tron chogadh bha e air na bàtaichean a bha giùlain shaighdearan, agus an dèidh sin bha e aig Urras Chluaidh, neo an Skye Navy, mar a chante ris.
Mus deach e don sgoil bha Alasdair a' cuir seachad cuid math de dh'ùine anns an Eilean Sgitheanach ach 's ann an Glaschu a chaidh e dhan sgoil, ach a-mhàin aon bhliadhna. Nuair a bha e mu naoi bliadhna a dh'aois, chaidh e do Bhun-sgoil Eilein Iarmain, ann a' Slèite. Bha a phiuthar, Mòrag, os cionn Taigh-òsta Dhùisdeil agus bha a mhàthair ann na còcaire, fad 's a bha athair aig muir.
Chaidh Alasdair a Bhun-sgoil Scotstoun agus do dh'Àrdsgoil Hillhead agus an dèidh sin gu Oilthigh Ghlaschu.
Thòisich Alasdair a' seinn mu choinneamh sluaigh nuair a bha e seachd bliadhna a dh'aois, agus bha e a' faighinn ionnsachadh bho Alasdair MacCoinnich, à Borgh na Sgiotaig, a bha a' teagasg ann am Bruach Chluaidh.
Ann an ùine ghoirid bha e nochdadh aig fèisean agus a' dol gu Mòdan. Choisinn e Bonn Airgid nam balach aig aois deich bliadhna aig Mòd Ghlaschu, ann an 1948. Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Inbhir Nis, ann an 1957, agus fhuair a phiuthar, Anna, a bha pòsta aig Calum Ceanadach, am Bonn Òr aig Mòd Bhaile Bhòid ann an 1952.
Nuair a bha Alasdair ann an Colaisde nam Fiaclair bha e aig an aon àm ann an Colaisde a' Chiùil, an RSAMD, pàirt-ùine. Bha iarratas mhòr air airson seinn aig cuirmean-ciùil air feadh Alba agus ann an àiteachan mar Lunnainn agus a' Bhreatainn Bhig.
Bha e ag obair ann an Oilthigh Ghlaschu agus an Oilthigh na Banrigh ann am Beul Feirste airson ceithir bliadhna. Bha aige ri roghainn a dhèanamh, ged-tà, co-dhiù bha e airson cosnadh a dhèanamh mar òraidiche oilthigh neo slighe a ghabhail far am b' urrainn dha a bhith na fhiaclair agus cumail air a' seinn. Thòisich e Ionad Fiaclair Mediceach ann an Drumchapel, ann an Glaschu agus bha sin a' ciallachadh gun robh e na b' fhasa dha ùine a' ghabhail dheth airson a bhith a' seinn.
An dèidh sin bha cothrom aige nochdadh gu cunbhalach air prògraman telebhisean dhan BhBC agus do STV, agus obair eile a dhèanamh, samhail seusan deich seachdainean ann an Taigh-cluich an Rìgh, ann an Dùn Èideann.
Rinn e a' chiad chlàr ann an 1963 airson Thistle Records agus rinn e clàran eile do Bheltona agus Decca ann an Abbey Road Studios, ann an Lunnainn. Bha e an còmhnaidh deònach rudan ùr fheuchainn agus chlàr e "Michelle" agus "Yesterday", òrain le na Beatles agus "Puppet on a String" a bha air a' chiad àite a bhuinnig anns a' Eurovision Song Contest.
Tràth anns na trì ficheadan bha Alasdair tric air na prògraman telebhisean, Highland Air agus Fireside Ceilidh a bha STV a dèanamh, le Iain Mac Ille na Brataich air an ceann. Nuair a dh'fhàs telebhisean dathte cumanta bhiodh Alasdair ri fhaicinn air ceann phrògraman mar A Handful of Songs agus 'S e Ur Beatha.
Bha e ag amas air crìochan nas fharsainge cuideachd. Chaidh e air cuairtean ciùil fada a dh'Astràilia agus bho thaobh gu taobh de dh'Amaireaga a Tuath, agus airson ceithir bliadhna bha e air ceann Ceilidh, sreath phrògraman do Chompanaidh Telebhisean Chanada, a' dèanamh 26 prògram gach bliadhna.
Fad na h-ùine sin, bha e fhathast ag obair mar fhiaclair, ach an uair sin fhuair e tairgse obrach dà bhliadhna bho Ospadal an Airm ann a' Riyadh, ann a' Saudi Arabia, agus chuir e roimhe a dhol ann. Aig a' cheann thall bha e ann airson deich bliadhna ach fiù 's an sin bha e comasach dha cumail air a' seinn agus bha e aig cuirmean-ciùil ann an Abu Dhabi, Singapore agus Kuala Lumpur.
Thill air ais a dh'Alba ann an 1992 agus chaidh e na òraidiche do dh'Oilthigh Ghlaschu agus bha làmh aige ann a bhith a' stèidheachadh Ionad Fiaclair an ann an Ospadal an Jubilee. Ann an 2000 fhuair e ballrachd Fellowship of the Royal College of Physicians and Surgeons of Glasgow.
Ann an 2007 chuir e ri chèile clàr "Dualchas nan Eilean".
Phòs Alasdair agus Angela, nighean Aonghais Mhòir Dhòmhnallaich, ann an 1970. Buinnidh a cuideachd don t-Struthan agus do Chill Mo Luthaig. 'S ann am Muileann Dhaibhidh a tha Alasdair agus Angela a' fuireach, ach tha e fhèin agus a' phiuthar, Cairistìona, air taigh an teaghlaich anns an Dìg a dhèanamh an-àirde às ùr, agus tha iad an dòchas barrachd ùine a chuir seachad ann a' sin. Tha e cumail air àird a cheangal ris a' chànan agus tha e na Urrasair air Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.
Ann an 2008 chaidh urram a thoirt dha nuair a chaidh ainm a chur ris an Scottish Traditional Music Hall Of Fame.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.