Rugadh Alasdair MacFhionghain ann an 1770 am Bun na Caimbe ann am Mòrair. Chaidh e don arm sa bhliadhna 1794, do rèiseamaid nan Gòrdanach, anns a' bhuidheann a thogadh leis a' Chaiptean Sìm Dòmhnallach à Mòrair.
A rèir Iain MhicCoinnich a dh'fhoillsich cuid den bhàrdachd aige ann an Sàr Obair nam Bàrd Gàidhealach:
"Corporal Mackinnon was prepossessing in appearance; he stood about five feet, ten inches in height; he was athletic in form, and of very fine proportions and symmetry."
Bha MacFhionghain a' sabaid aig Blàr Egmont-op-Zee no Blàr na h-Òlaind:
Air mìos dheireannach an fhoghair
'N dara latha, 's math mo chuimhne.
Ghluais na Breatannaich bhon fhaiche
A chum tachairt ris na nàimhdean.
Thug Abercrombie taobh na mara
Dhiubh le chanain 's mi gan cluinntinn,
'S bha fòirneadh aig Mùr gu daingeann
Cumail aingil ris na Frangaich.
Bha seo an 1799. Aig Blàr Alexandria ann an 1801 chaidh a dhroch leòn agus fhàgail mar mharbhan air a' bhlàr, le òrdugh air a thoirt an corp aige a thiodhlacadh. Gu fortanach, mus d' rinneadh seo, thuig caraid dha, seàirdeant air an robh MacIllEathain, gu robh an deò ann fhathast agus chaidh a thoirt gu ospadal air bòrd soithich.
Dh'fhàg e dealbh den bhatal againn:
Cho ullamh ris an fhùdar
A bha dol na smùid mur ceann
Ghluais na gillean lùth-chleasach
Air mhir' a-null don ghleann.
Thug sinn le teine dùbailte
Bristeadh as na trùpairean;
Bha Greumaich an euchd fiughantach;
Cha d' èist iad mùiseag lann.
Mar stoirm a b' iargalt' connsachadh
A' spìonadh neòil is chrann,
A' riasladh fairge mòire
'S a' pianadh sheòl 's gan call;
Cruaidh dian bha buaidh nan Gòrdanach;
Bu lìonmhor sguab is dòrlaichean
A bhuain iad air a' chòmhnard
Far an tug na slòigh dhaibh ceann.
Fhuair MacFhionghain a shlàinte air ais agus dh'fhàg e an t-arm le peinnsean. Phòs e agus bha a dhachaigh as a' Ghearastan far an do chaochail e ann an 1814.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.