Alasdair Friseal

Alasdair Friseal

'S ann à Raon Mòr ann an Aichillidh Bhuidhe a bha Alasdair Friseal (1905-1975) agus b' e an gille a b' òige ann an teaghlach de dheichnear.

Chaidh e a dh'Oilthigh Ghlaschu far an do cheumnaich e ann an Ceiltis agus Matamataig. Bha e dèidheil air spòrs agus bha e ri iomain agus a' cluiche ball-coise agus rugbaidh nuair a bha e anns an oilthigh.

An dèidh bliadhna aig an taigh nuair a chaochail athair, thill e a Ghlaschu gu Colaiste Cnoc Iòrdan airson dreuchd fear-teagaisg a thoirt a-mach.

'S ann a dh'Inbhir Pheofharain a chaidh e a dh'obair an toiseach, ach chuir e seachad a chuid bu mhotha dhe beatha ann an sgoiltean Dhrochaid Sgudail agus Tharradail, anns a' Bhlàr Dhubh.

Bha ùidh mhòr aige ann an òrain sgìre Loch Bhraoin agus bha e na bhall airson iomadach bliadhna de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, aig an robh e mar fhear teagaisg na Gàidhlig.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.