Rugadh Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mòr Chatrìona Ailein Chòcaire, ann a' Staoinebrig air 7 Ògmhios, 1929. Bha cuideachd a mhàthair nan còcairean aig Clann 'ic Ailein ann an Ormacleit. Chaidh e dhan sgoil ann a' Staoinebrig an toiseach agus nuair a ghluais an teaghlach dhan Ìochdar chaidh e dhan sgoil an sin.
An dèidh an sgoil fhàgail bha e airson greis na bhuachaille air machair an Ìochdair gus an deach a ghairm airson Seirbheis Nàiseanta. Ann an suidheachaidhean àraid b' urrainn feadhainn a bha ri croitearachd cead fhaighinn an t-Seirbheis Nàiseanta a sheachnadh, agus bha ainm Alasdair Mhòir sìos airson an cead seo fhaotainn. Ach bha Alasdair air falbh dhan t-Seirbheis dà latha mus do ràinig an cead Uibhist. Nuair a chaidh innse dha gu robh cead aige thuirt e gu robh e toilichte gu leòr cumail air leis an t-Seirbheis.
Bha e beagan bhliadhnaichean an dèidh sin aig obair gnìomhachais an aluminium ann an Ceann Loch Lìobhann. Ann an 1943 phòs e Màiri Ailig Aonghais Churraidh à Àird na Mònadh agus bha dithis nighean aca, Mòrag agus Alina.
An dèidh pòsadh bha Alasdair iomadach bliadhna na ghafair aig Mitchells, companaidh a bha a' cur phìoban fon talamh airson uisge a thoirt do bhailtean Uibhist, bho tuath gu deas. An dèidh latha cruaidh aig sgeama an uisge bhiodh na balaich a bha ag obair còmhla ris a' tarraing às leis an rann:
Sin sibh fhearaibh, sìos na pìoban,
Biodh iad cam neo biodh iad dìreach;
Ma bhios leak annt' a bhios cinnteach,
Cuiridh mi fhìn air dòigh iad!
Nuair a thàinig sgeama an uisge an Uibhist gu crìch, bha an companaidh a' miannachadh gun deigheadh e a dh'obair dhaibh air sgeama eile dhan aon sheòrsa ann am Muile, ach cha robh Màiri Ailig, a bhean, airson Uibhist fhàgail.
Bha e greis an uair sin a' dèanamh chlòitean do Mhuilnean MhicDhòmhnaill anns an Ìochdar, obair anns an robh mòran eile do dh'fhir na sgìre an sàs. Ge b' e ciamar a bha an obair a' còrdadh ri càch, cha robh a' bheairt idir ri miann Alasdair Mhòir agus mar sin chuir e cùl ri breabadaireachd agus chaidh e a dh'obair dhan arm. Bha e na gheàrd an toiseach agus an uair sin an urra ri còmhdhail dhan arm. Lean e ris an obair sin gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Bha ùidh riamh aige ann an òrain. A-staigh an taigh bhiodh e a' seinn gun lasachadh. Bhiodh an teaghlach fiù 's ga chluinntinn a' seinn agus e air a dhol dhan leabaidh. Dh'aindeoin sin, bha e caran diùid mu bhith a' seinn air àrd-ùrlar, ged a rinn e gu leòr dhen sin air feadh Uibhist.
Chluicheadh e am feadan, am bocsa agus a' mouth-organ cuideachd, dìreach gu ìre a bheireadh tlachd agus toileachas dha fhèin. Bha e cuideachd na bhall de Chòisir Eaglais Àird Choinnich.
Chaochail Alasdair air a' cheathramh latha den Fhaoilleach, 1999.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.