
Rugadh Ailig Màrtainn, Froilig neo Fradhlaic (1903-1969), mac Dhòmhnaill Dhupail, aig 58 Cnoc an t-Solais, air a' Bhac, Leòdhas air 12 Samhain, 1903. B' i Peigi NicDhòmhnaill, à 27 Col, bu mhàthair dha agus bha sianar bhalach agus triùir nighean anns an teaghlach.
Chaidh Ailig gu muir goirid an dèidh dha an sgoil fhàgail aig aois 16, agus am measg chompanaidhean eile, bha e ag obair aig a' City Line, a' New Zealand Shipping Company agus am Port Line. 'S ann nuair a bha e ag obair don Phort Line a bha e air a' Phort Hardy agus a sgrìobh e an t-òran.
Nuair a chaidh an t-òran a chlàradh le Hoddan an toiseach, bha Gazette Steòrnabhaigh a' foillseachadh dè na clàir Ghàidhlig bu mhotha a bha gan reic agus bha Ailig a' dèanamh spòrs dhe gun robh e top of the hit parade.
Chaidh e dhan Nèibhidh agus ràinig e ìre lieutenant. Chaidh bàta air an robh e anns a' chogadh a chuir fodha le torpedo agus b' fheudar dha beagan ùine a chuir seachad ann an ospadal ann an Gibraltar. An dèidh sin bha e na fhear-fasdaidh airson seòladairean a thàladh dhan Nèibhidh agus bha deagh chliù aige airson a bhith a' coimhead às dèidh an fheadhainn a bheireadh e dhan Nèibhidh à Leòdhas, Na Hearadh, na h-Uibhistean is Barraigh.
'S ann ann a' Lunnainn a choinnich e ri bhean, Ceitidh Màiri Nic a' Mhaoilein, à Griais. Bha a piuthar Anna ag obair ann a' Lunnainn cuideachd aig an àm, agus bha bràthair Froilig, Dòmhnall, a' falbh leatha. 'S ann air los sin a choinnich e fhèin is Ceitidh Màiri.
Aig a' cheann thall bha an dithis bhràithrean pòsta aig an dithis pheathraichean. An an 1938 bha banais mhòr aig Ailig agus Ceitidh Màiri ann a' Lunnainn, oir bha Ceit ag obair aig daoine beartach, còrnealair 's a bhean, ann an Kensington agus chuir iad cuirm mhòr air dòigh dhaibh. Bha iad a' fuireach ann an Chatham gus an do thòisich an Cogadh. Thill iad air ais do Leòdhas an uair sin agus bha taigh aca air mhàl aig 43, Am Bac. Ghluais an teaghlach a Steòrnabhagh ann an 1949. Bha naoidhnear chloinne aca.
An dèidh an Nèibhidh fhàgail bha Ailig air tugaichean anns a' Chuan Mheadhanach agus nuair a bha sgeama a' Hydro a' dol aig Beinn Cruachan bha e an urra ris na bàtaichean a bha ag obair air Loch Odha. Bha e ag obair air a' chabhsair a chaidh a thogail aig Eilean a' Ghobhair ann an Steòrnabhagh, agus an dèidh sin aig companaidh Bain & Morrison anns a' bhaile.
Bha e math air obair làimhe agus dhèanadh e tàilleireachd, obair greusaiche agus saorsainneachd, agus 's e a rinn a h-uile pìos àirneis a chaidh dhan taigh aige fhèin.
'S e fear-ciùil math a bh' ann cuideachd. Leughadh agus sgrìobhadh e ceòl, agus chluicheadh e a' phìob, am bocsa, an tromb agus a' mouth-organ agus bha e na dheagh sheinneadair.
Chaochail e air 28 Samhain, 1969.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.