Uiseag Bheag Dhearg

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Uiseag bheag dhearg na mòna duibh,
Na mòna duibh, na mòna duibh.
Uiseag bheag dhearg na mòna duibh,
Càit' na chaidil thu 'n raoir san ì?

Chaidil mi 'n raoir air bhàrr an dris,
Air bhàrr an dris, air bhàrr an dris.
Chaidil mi 'n raoir air bhàrr an dris,
Is o! bha mo chadal cho sgìth.

Chaidil mi 'n raoir air bhàrr nan tonn,
Air bhàrr nan tonn, air bhàrr nan tonn.
Chaidil mi 'n raoir air bhàrr nan tonn,
Ach o! bha mo chadal cho sgìth.

Uiseag bheag dhearg nan sgiathan òir,
Nan sgiathan òir, nan sgiathan òir.
Uiseag bheag dhearg nan sgiathan òir,
Càit' na chaidil thu 'n raoir 'san ì?

Chaidil mi 'n raoir eadar dà dhuilleag,
Eadar dà dhuilleag, eadar dà dhuilleag.
Chaidil mi 'n raoir eadar dà dhuilleag,
Is o! bha mo chadal cho sèimh.

Seinneadairean / Performers

Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.