Uibhist nam Beanntan

Òran air a sgrìobhadh le: d. i. mac a' mhaoilein agus air a sheinn le: Tormod MacIllEathain.

This is a song written by: d. i. mac a' mhaoilein and sung by: Tormod MacIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair a bhios mi leam fhìn
Agus m' inntinn fo leòn,
Bidh mi cuimhneachadh uair
'S mi gun uallach gun bhròn,
'S mi a' ruith is a' ruag
Feadh nam bruachan 's nan lòn,
Ann am òige ann an
Uibhist nam beanntan.

'S ann gun strì rachainn sìos
Air dà sgiathe mo smuain,
Gu tràigh mhòr an taobh 'n Iar
'G èisteachd fìor ghlag a' chuain,
Is a ghainmheach gheal mhìn
'S i gu h-ìosal fom bhonn,
Is gach tonn a' seinn
Uibhist nam beanntan.

Anns a' mhadainn gum b' èibhinn
Dhomh 'g èirigh moch tràth,
Is an driuchd air gach geug
Is na sprèidh len cuid àl,
'S an uiseag bhean binn-guthaich
Dìreach an-àird,
'S i cur fàilte air
Uibhist nam beanntan.

Ged a tha mise 'n-dràst'
Ann am baile na strì,
'S mi cho fada bhon àit'
Far na dh'àraicheadh mi,
Gu bheil sàsachadh àraid
Toirt blàths do mo chridh',
'S e gun till mi do
Dh'Uibhist nam beanntan.

Seinneadairean / The Performers

Tormod MacIllEathain

Tormod MacIllEathain

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...

Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.