Uibhist mo Ghràidh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Isa Nic'ilip agus myra nic an aba.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Isa Nic'ilip and myra nic an aba.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O seinnidh mi dàn do eilean mo ghràidh
Far an d' fhuair mi m' àrach nuair bha mi nam phàist',
Far am bi mo chridhe gu deireadh mo latha,
Ann an Eilean Uibhist an eòrna.

Ged 's fhada bhon dh'fhàg mi eilean mo ghràidh
'S a thàinig mi Ghlaschu 's a rinn mi ann tàmh,
Tha machraichean Uibhist nam chuimhne a ghnàth
A' cumail mo chridhe gach latha rium.

Ach fàgaidh mi baile na cabhaig 's nan sràid,
Is cuiridh mi m' aghaidh air monadh is sàil,
Is gabhaidh mi 'n t-aiseag à Mallaig gun dàil
Gu Uibhist mo ghràidh is m' eòlais.

Seinneadairean / The Performers

Isa Nic'ilip

Rugadh Isa Nic'ilip, Isa Chalum Dhòmhnaill Thormoid Shaighdeir, ann an Glaschu agus chaidh a togail as a' bhaile gus an robh i 10 bliadhna a ...

Fiosrachadh air Isa Nic'ilip / Learn more about Isa Nic'ilip

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.