Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, Dòmhnall MacLeòid, dùghall caimbeul agus Màiri NicArtair.
This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, Dòmhnall MacLeòid, dùghall caimbeul and Màiri NicArtair.
Sèist / Chorus
Am feasda bidh m' iargain gam lìonadh le bròn,
'S mi caoidh is ag iarraidh le iarrtasan mòr
Na fleasgaich òg fhiachail a shìneadh fon fhòid,
'S nach till rinn gu sìorraidh a dh'innseadh dhuinn sgeòil.
Bu ghaisgeil a sheas iad sa chaonnag gun sgàth,
Gun strìochdadh, gun ghèilleadh, fir threun nam beann àrd,
Luchd breacan an fhèilidh ron teicheadh gach nàmh:
'N àm tarraing nan geur-lann cò sheasadh nan dàil?
Tillidh sruth air a' charraig 's seòl-mar' air a' chaol,
Tillidh luibhean an Earraich is barrach nan craobh,
Thig cuthag don doire le caithream a gaoil
Ach na fiùrain òg, fhearail, am fearann cha taobh.
O Thì th' anns na h-Àrdaibh! O Thusa don lèir!
Bi maille rin càirdean gan stiùireadh 's gach ceum,
Thoir furtachd dam muinntir gu mùirneach 's gu sèimh
Mar dhrùchda a' tùirlinn air Sùirneig nan geug.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Nochd cruinneachadh de na h-òrain aige anns an leabhar Crònan nan Tonn an toiseach ann an 1939. Chaidh deasachadh ùr den leabhar, le ceithir òrain a bharrachd, fhoillseachadh le Ceit NicIain, Inbhir Nis, 1997.
'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòid
Rugadh Màiri NicArtair ann an Ceann Loch Gilp agus tha dithis pheathraichean agus bràthair aice. B' ann à Bhalla, ann an Tiriodh, a bha a ...
Fiosrachadh air Màiri NicArtair / Learn more about Màiri NicArtairChaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach GhlaschuCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.