Tuireadh nan Hiortach

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Seòras L. Moireach agus air a sheinn le: Calum A. MacLeòid.

This is a song written by: An t-Urr. Seòras L. Moireach and sung by: Calum A. MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha sinne brònach 's is beag an t-ìongnadh,
Is tha sinn cianail an-diugh air fògradh;
Tha 'n cuan an iar le chuid thonnan fiadhaich,
Gar sgaradh cian bho ar n-àite-còmhnaidh.

Tha sinn mar chaoraich an seo gun bhuachaill,
'S sinn sgapt' measg sluaigh air nach 'eil sinn eòlach;
Ach 's tric ar smuaintean ri snàmh nan cuantan
Do eilean uaine nan cluaintean bòidheach.

Tha Hiort nam fuaran, 's nan sgeirean gruamach,
Am meadhan cuain 's chan eil duine beò ann;
Na h-eòin mun cuairt air ri gabhail uabhais,
On dh'fhalbh an sluagh a bh' ann uair ri còmhnaidh.

Na taighean blàth' anns an cluinnte Ghàidhlig,
Thèid iad nan càirntean 's bidh tàmh aig eòin annt';
Cha bhi am buachaill le chù 's le chuaille
Nas mò gam fuadach le fuaim a chòmhraidh.

Tha 'n eaglais fuar 's chan eil clag ga bhualadh,
Cha tionail sluagh ann air madainn Dòmhnaich;
Cha chluinnear seinn ann am fonn an aoibhneis,
Tha 'n tìr ri caoidh chionn nach till na seòid ud.

Cha b' e gu h-àraidh a dhol thar sàile,
Chuir sinn fo àmhgar 's a dh'fhàg sinn brònach;
Ach mar a sgaoileadh air feadh gach taobh sinn,
'S nach faic sinn aon air a bheil sinn eòlach.

Ged tha an sluagh measg a bheil sinn truasail,
Tha 'n cànain cruaidh 's tha iad fuar nan dòighean;
'S ann bha sinn suaimhneach far 'n thogadh suas sinn,
Le Gàidhlig uasal ga luaidh an-còmhnaidh.

An uair bhiodh àmhghair aig neach san àite,
Gach duine chàch bhiodh le bàigh ga chòmhnadh;
Chan fhaighte gamhlas nam measg no aimhreit,
'S e siud na glinn anns nach cluinnte fòirneart.

Tha sinne cràiteach bho rinn sinn fhàgail,
Chan e gu h-àraidh gun d'fhàg sinn stòras;
'S e chuir fo phràmh sinn na tha dar càirdean,
'N an laighe sàmhach 's iad càirt' 's na fòid ann.

Soraidh slàn leibh gun teich na sgàilean,
Far bheil sibh tàmh cha bhi càch nur còir ann;
Tha sibh-se sìnt' anns an tìr bu mhiann leibh,
Is eòin ri sgriachail mur n-àite-còmhnaidh.

Mun cuairt don àite 's a bheil sibh càirte
Cha chruinnich càirdean 's cha shilear deòirean;
Bidh ur n-uaighean nan tulaich uaine,
Bidh feur gun bhuain orr' 's an sluagh air fògradh.

'S e sgur dem òran is iomchaidh dhomh-sa,
Le briathran beòil meud mo bhròin chan ìnnsear;
Ceud soraidh slàn leat, O eilein ghràdhaich,
Far 'n deachaidh m' àrach 's bheil tàmh mo shinnsre.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Lorgar sin anns an leabhar George Murray of the UP air a sgrìobhadh leis an t-Urr. A. D. Macleòid air fhoillseachadh le NPC, Newton Corner, Mass. USA.

Seinneadairean / Performers

Calum A. MacLeòid

'S ann san Iuchar 1970 a chaidh an t-òran Tuireadh nan Hiortach a chlàradh air a' Chladach a Tuath air Eilean Cheap ...

Fiosrachadh air Calum A. MacLeòid / Learn more about Calum A. MacLeòid

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.